Artaigeal le: Ciorstaidh NicIlleathain
Litir gu Peadar Peacock
Pàrlamaid na
h-Alba
Dun Èideann
A charaid / bhana-charaid,
Tha mi a' sgrìobhadh thugaibh air sgath 's na Gàidhlig, rud a tha glè chudromach dhomhsa agus ri mìltean de dhaoine eile timcheall an t-saoghal. Tha i air mòran, mòran chothroman a thoirt dhomh nach biodh air a bhith agam mura robh mi ga bruidhinn. Tha cothrom agam a nise air obraichean, cuir-seachadan agus caraidean nach biodh teansa air a bhith agam air roimhe. Air sgath 's na Gàidhlig tha caraidean a-nise agam ann an Canada, Astràilia agus Alba fhèin air nach bithinn eòlach mura robh e airson na Gàidhlig.
Tha a Ghàidhlig mar phàirt chudromach de chultar na h-Albainn. 'S e cànan a tha innte a bha air a bruidhinn leis na teaghlaichean rìoghail, le naoimh agus le gaisgich; agus cha bu choir dhuinn sin a dhìochuimhneachadh. Tha i a' toirt luchd-turais a dh' Alba gach bliadhna gus ar cultar fhaicinn - tha fios agam fhèin gum bheil daoine bho dhùthchannan thall thairis air ùidh mhòr a shealltainn nuair a tha iad air faighinn a-mach gum bheil Gàidhlig agam.
A dh' aindeoin gach rud math a tha a' Ghàidhlig a' toirt a dh' Alba, ged tha, chan eil fhathast an Riaghaltas a' dèanamh gu leòr air a son. Nam bheachdsa tha feum aig a Ghàidhlig air inbhe-thèarainte - ach càite a bheil an Riaghaltas air a chùis seo? Tha e mar gum bheil eagal orra seasamh suas air a son. Ach carson? Tha e fìor gum bheil feadhainn ann a tha an aghaidh na Gàidhlig, ach leis gach rud math a tha i a' toirt a dh' Alba, cha tuig mi carson. Ma tha sinn ag iarraidh gum bi a Ghàidhlig fhathast ann an staid fallain anns na bliadhnaichean a tha ri tighinn, tha i feumach air barrachd taic bhon Riaghaltais; agus gu luath.
Tha rudan math a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig ged tha. Tha programan rèidio mar Rapal agus làraich-linn mar Sgleog.com air ùidh a thogail ann an òigridh mu dheidhinn na Gàidhlig - tha fios agam gum bheil mòran dhem charaidean ag èisteachd gu tric ri Rapal, program a nam bheachdsa nas fheàrr nan chuid as motha de phrògraman rèidio beurla a tha ann. Tha feum ann air barrachd phrògraman mar seo - gu h-àraidh air an telebhisean, far nach eil idir mòran ann airson deugairean - programan àraidh, nach faigh thu ann an àite sam bith eile. Tha mi cinnteach gum bheil daoine aig nach eil Gàidhlig idir ag èisteachd ri Rapal dìreach air sgath' s gum bheil an ceòl cho math. 'S docha gum fàs an fheadhainn seo suas gus Gàidhlig ionnsachadh, co aig a tha fios?
Tha mi a' smaoineachadh gum bheil ann an saoghal na meadhanan Gàidhlig fada cus programan air an dèanamh a tha a' coimhead air ais. Tha e fìor gum bheil eachdraidh inntinneach agus annasach aig a Ghaidhealtachd, ach nam bheachdsa tha feum ann air barrachd phrògraman a tha a' coimhead air an t-saoghal timcheall, leithid Eòrpa, neo Ran Dan. Tha na programan seo inntinneach agus tha comas aig daoine aig nach eil Gàidhlig ann an coimhead, rud a tha an uairsin a togail an ùidh anns a Ghàidhlig fhèin. Tha am ann aig saoghal na meadhanan Gàidhlig coimhead barrachd air adhart, gu h-àraidh chun an òigridh. 'S iad fhèin a chumas a Ghàidhlig beò.
Tha an t-àm ann dèiligeadh ri Gàidhlig gu ceart.
Le meas,
Ciorstaidh NicIlleathain




