Sìde Teth
Abair thusa an teas a tha againn an-dràsta!! Tha i dìreach bruicheil!! Shìos ann an Surrey an t-seachdain seo bha an tomhas-teas suas aig 36.5°C, deagh shìde airson a dhol a-mach a’ gabhail na grèine!
Ach nuair a tha an t-sìde mar seo, chan eil e furasta thu fhèin a chumail gun a bhith ro theth agus tha seo gu math cunnartach. Gu h-àraidh airson sean daoine, leanabhan is clann. Leis an sin, tha sinn air liost a chur ri chèile air dòighean a tha math airson coimhead as do dhèidh fhèin oir ma ghabhas tu tuilleadh sa chòrr den ghrèine dh’fhaodadh tu beum-grèine fhaighinn agus a bhith gu math tinn leis. Seo ma tha, liosta ghoirid de dhòighean air do fhèin a chumail neo-dheothasach.
- Aodach tana, aotram a chur oirbh.
- Ad a chur oirbh nuair a tha sibh a-muigh anns a’ ghrèine.
- Ma tha sibh a dol a bhith a-muigh fada, “Sun Cream” a chur air a h-uile pàirt de do cholann air nach eil aodach.
- Dèan cinnteach gun òl sibh uisge neo sùgh mheasan gu leòr.
- Feuch ri biadh fuar ithe mar mheasgachadh de ghlasraich is mheasan.
- Mas urrain dhuibh, ma tha e ro theth, cumail a-mach às a’ ghrèine eadar 11 sa mhadainn gu dà uair feasgar nuair a tha a’ ghrian aig an àit’ as àirde sna speuran.
- Air an oidhche, na h-uinneagan anns an taigh fhosgladh airson èàdhar a leagail a-steach dhan an taigh.
Seo a-nis, tha mi an dòchas gum bi seo cuideachail dhuibh agus aon rud eile airson cumail neo-dheothasach, ’s e sin ròiteagan ithe, tha iad gu math fuar is uabhasach fhèin blasta cuideachd!!




