Skip to content

rockness

Skins @ Rock Ness!


Am-bliadhna, tha an t-uabhas de fhèisean-ciùil a’ tachairt air feadh na dùthcha ach tha aon a’ fas nas coiteanta agus nas luatha na gin aca… ’s e sin Rock Ness!

Tha Loudsound, a’ chompanaidh a dh’fhàs ainmeil tron fhèis Creamfields, cuideachd a’ toirt taic do na fèisean ciùil as ainmeile ann an Alba (taobh a-muigh air T In The Park!) Belladrum agus Loopallu a’ cur àrd-ùrlar sònraichte còmhla ris a’ phrògram thelebhisean “Skins”.

A’ cluich anns an “Skins Arena” bithidh Hadouken, Felix Da Housecat, Annie Mac, Does It Offend You, Yeah? agus Black Ghosts agus a bharrachd air craoladh an “Cèilidh” air sianal a ceithir, bithidh Skins a’ filmeadh pìosan airson an sreath as ùr àca.

Le Rockness stèidhichte air tràighean Loch Nis bha tòrr adhbharan ann airson Skins a bhith siubhal gu tuath airson filmeadh, mar a thuirt Brain Elsey ann an agallamh.

“Tha program agus àite Rock Ness dìreach mìorbhaileach is, mar sin, tha sinn a’ coimhead air adhart r idol a dh’Inbhir Nis le Skins.”

SKINS1


A bharrachd air filmeadh aig an fhèis shònraichte ge-tà, bithidh iad cuideachd a’ lorg chleasaichean ùra airson an ath sreath!

An tusa an ath Toni no Michelle? No Cassie fiù ’s? Anns an sreath seo de Skins tha Cassie air tilleadh air ais gu Sasainn as dèidh dhi a bhith a’ cur seachad greis shuas ann an Inbhir Nis ’s mar sin ’s docha gun teich i air ais gu tuath le Sid a’ dol a dhol às a dèidh airson crìoch mhath romantaigeach? (iochd!)

skins2

Ge bith dè tha iad a’ filmeadh, tha e coltach gu bheil iad a’ coimhead airson cleasaiche no dhà math Albannach a lorg fhad ’s a tha iad shuas!

“Bidh sinn a’ filmeadh san Skins Live arena agus bidh na luchd-coimhid againn a’ dol timcheall a’ lorg talent ùr.”

A’ tachairt eadar 7 agus 9 Ògmhios, tha na tiocaidean a’ dol airson £100 no £115 le càmpadh! Deagh shout ma tha sibh air fàs bochd de T in the Park!