Skip to content

Artaigeal le: Marlene

Deasbad Sgleog: Smocadh

Bho deireadh Màirt am bliadhna cha bhith e ceadaichte a bhith smocadh ann an àiteachan poblach ann an Alba. Tha an iomairt seo stèidhichte ann an Èirinn mar tha agus a' dol a thachairt ann an Sasainn agus A' Chuimrigh cuideachd. Tha an iomairt seo air a bhith stèidhichte oir tha àiteachan obrach ag iarraidh gum bi na luchd-obrach sàbhailte nan slàinte. Tha tòrr dhaoine airson an iomairt seo agus tha feadhainn an aghaidh an iomairt seo cuideachd ach dè do bheachd fhèin?

A bheil thu a' smaoineachadh gum bi an iomairt seo math dha Alba no a bheil thu a' smaoineachadh gum bu chòir cead aig duine a smocadh far a bheil iad ag iarraidh?

Dè seòrsa buaidh a bhios seo a' toirt air smocadh anns an fharsaingeachd? Am bi daoine ga stad?

Cuir do bheachdan thugainn aig Sgleog.