Skip to content

Eagal mu tubaist plèana

Bha eagal mhòr ann gun robh plèana air a dhol sìos anns a chuan dheth na h-Eileanan an Iar nuair a bha fras beurabh-theine ann.

fireballAir oidhche Haoine, 18mh là den Lùnasdal, bha sgioban na bàtaichean-teasairginn air feadh na h-Eileanan an Iar air cùl-taic nuair bha an t-sheirbheis èiginn a dèanamh deiseal airson tubaist mhòr.

Ach mar a thionnd e a mach, se ball teine bho fras beuradh-theine Kappa Cygnid a bha daoine air fhaicinn.

Thuirt fear-labhairt bhon a mhaoras-chladaich “Dh’fhòn iomadach neach 999, le mu dà fhichead dhiubh air oidhche Haoine.

Bha daoine a toirt iomradh air a bhith a faicinn rudeigin mar plèana a dol sìos le earball de cheò air a chùlaibh.

Thuirt fear-labhairt: “Dheasbad sinn an t-suidheachadh le Feachd Adhair Rìoghail Cinn Lois agus prìomhachdan eile agus thànaig sinn uile chun a cho-dhùnadh gur e beothalachd beuradh-theine a bh’ann. Bha iomadach dhaoine a fònadh bho air feadh an àite mar “Stoer” air an t-Eilean Sgitheanach agus bho Barraigh gu Barbhas.”

A rèir làrach a Bhuidheann Reuleolach Bhreatainn, chithear suas ri còig beuradh-theine gach uair a shìde ach cuideachd dh’fhaodadh e toradh ann an bàllaichean teine buidhe is gorm.