Skip to content

deasbad

An t-seachdain sa chaidh cha robh luchd- fasan Spainntis a’ cleachdadh modailean caol aig Seachdain Fasan aig Madrid. Cha robh iad ag iarraidh modail sam bi le BMI (Body Mass Index) nas lugha na 18, agus bha iad a’moladh modailean nas truime. Tha dotairean a’ moladh gu bheil BMI fo 18 gu math mì-fhallain agus leis an seo; A bheil saoghal na fasan a’ cur taic ri droch ìomhaigh de boireannach a tha caol agus feumach air deagh bhiadh? A’ bharrachd air an sin a bheil an ìomhaigh seo a’ toirt droch buaidh air deugairean agus nigheanan òga?

Seo deasbad na Seachdaine - DÈ UR BEACHD?ceist

Tha sgleog gan iarraidh!

Cuir beachdan rinn aig: deasaiche@sgleog.com

Beachdan:

"Tha mise a' smaoineachadh gum bu chòir modailean caol AGUS modailean a tha nas troime a bhith air an cleachdadh ann an saoghal fasan. Aig deireadh an latha tha daoine uile eadar dhealaichte anns an saoghal "fìor" mar gum biodh is carson nach urrainn dhaibh aodach a chur air a h-uile seòrsa modail? "

Eilidh às an Eilean Sgitheanach