le Pavlos Kosmidis
Uill abair gu bheil Sleite aig teas-meadhan tachartasan culturach na gaidhealtach an t-samradh seo tighinn! Ach chan e fèis abhaisteach a th’ann a seo idir ach “Aos Dana” pairt de Feis an Eilein, a tha ruith gach blidhna sios ann an Slèite. A bheil sibh eolach air Dr Iain Pursar, croitear, bard agus duine le beartas a thaobh eolas eachdraidh chiuil Albannach ?

Air an 16mh latha dhen Iuchar tha Feis nan Leabhar seo a’ gab hail aite thairis air da latha is an leabhar ur Iain aig cridhe ghnothaichean. Se “ Scotland’s Music- A History of Scotland from Early time to Present day” an total. Tha Iain a toirt suil air mar a tha ceol na h-Alba air atharrachadh is air leaseasachadh thairis na linntean, bho linn na Umha suas dhan an latha an diugh. Tha e air a bhith a’ deanamh rannsachadh air ceol traidiseanta na Gaidhealtach fad’ iomadh bliadhna, is tha eolas fairsaing is domhain aige air a chuspair seo.

Gu math innteanach nam bharail, gu h-araid a thaobh phiobaireachd, an ceol claiseagach na piob mhoir. Co-cheangailte ri seo bidh bardachd ann le sgriobhadairean, ainmeil (is cuid dhuibh ath Slèite fhein), Aonghas Padraig Caimbeul, is Meg Bateman, seinn bho Christine Primrose agus piobaireachd le Ailean Macdhomhnail is Decker Forrest.

Bidh ceilidhean agus conaltradh air an oidhche cuideachd le ceoladairean is sgriobhaidearan a tha tighinn comhla airson moladh a’ deanamh air dualchas chiuil na Gaidhealtachd. Ma tha uidh agad ann an ceol againn b’fhiach tighinn ann.





