Skip to content

free_rice

www.freerice.com

A bheil còig mionaidean agad? A bheil greim math agad air faclan agus an ciall a tha air a chùlaibh? A bheil thu a’ faireachdain ciontach gu bheil an t-uamhas agad nuair a tha daoine eile ann an droch suidheachadh air feadh an t-saoghal?

Ma tha thu a freagairt a h-uile ceist ud le “tha” carson nach tadhal thu air an làrach-lìn www.freerice.com. ’S e làrach-lìn inntinneach a tha seo far a bheil thu a freagairt ceistean mu dheidhinn ciall facail agus airson gach fear a tha thu faighinn ceart tha an làrach-lìn seo a cuir fichead gràin rus chun an UN World Food Program. Mar sin tha thu leasachadh do bhriathrachais, aig an aon àm ri bhith sàbhaladh daoine air feadh an t-saoghal. Smaoinich? Dìreach beagan oidhirp agus dh’fhaodadh tusa bhi dèanamh obair Bono!

laptop-happy-kids

Bithidh mise ga ‘chluich’ a h-uile seachdain, ag ionnsachadh facail ur fhads a tha mi a’ dol ach cuideachd a cuir rus gu àitichean san t-saoghal far nach eil mòran aca. Chan eil fhios a bheil sibh a creidsinn gun obraich an làrach-lìn seo – “Cò as a tha iad a faighinn an airgead?” – ach tha companaidhean mòra a-toirt taic dhaibh agus tha bhideo air an làrach-lìn far am faic thu an rus air a’ sgaoileadh a-mach air feadh an t-saoghal.

Theirig agus tadhal air! (…ach deàn cìnnteach gun tìll thu gu sgleog!)

Murchadh MacSuain