AN FHRAING 0 - 1 ALBA LE MURCHADH MACSUAIN
Bha seachdain gu math meadhanach aig Alba. Ceart, bhuannaich sinn an aghaidh Lithuania aig Hampden agus bhuannaich sinn an aghaidh aon de na sgiobannan as fheàrr anns an t-saoghal ach...fuirich...de tha mi ag ràdh...BHA SEACHDAIN UABHASACH MATH AIG ALBA!!!!!!
Bha
mi fhèin aig Hampden air Disathairne, agus ged nach robh sinn ro
sgiobalta mu dheidhinn, fhuair sinn trì tadhalan agus bhuannaich sinn
an aghaidh sgioba glè chomasach. Tadhalan bho Boyd, McManus agus
McFadden, an dèidh dha Lithuania tadhal connspaideach fhaighinn bho
breab-peanasach, a’ dèanamh cinnteach nan tri puingean airson Alba.
Chluich na cluicheadairean-dìon uabhasach math, agus mar sin bha iad
làn earbsa airson oidhche Dhiciadain an aghaidh nam Frangach, agus an
dèidh an tadhal a fhuair e air Disathairne, bho fhichead meatair
a-mach, bha McFadden cuideachd gu bhith a’ coimhead air adhart ris a’
gheama mhòr.
Mar
a tha cuimhne againn uile, nuair a thàinig na Frangaich gu Hampden o
chionn bliadhna, thill iad air ais dhan Fhraing gun phuing, agus iad
air am maslachadh. Ach, mar a bha iad ag innse dha na meadhanan, agus
do na cluicheadairean aig Alba, gu deimhinn cha robh cothrom sam bith
gu bhith aig Alba an turas seo.
Thòisich
Alba le sgioba gu math dìonadach, le dìreach aon chluicheadair aghaidh,
Seumas McFadden, agus bha iad cuideachd a’ cleachdadh Paul Hartley
dìreach air beulaibh nan cluicheadairean-dìon. Agus, co-dhiù, chaidh an
geama air adhart airson uair a thìde gun tadhal. Alba a’ cur casg air
na planaichean aig an Fhraing, agus cuideachd a’ toirt dhaibh
duilgheadas no dhà.
Ach an uair sin thachair an rud a tha Alba gu lèir air a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn. Breab fada bho Chraig Gordon. Cheannsaich McFadden am bàla. Thionndaidh e. Thug e sùil air a’ ghòlaidh. AGUS LEIG E ÀS ROCAID!!!!! 1-0 gu ALBA!!!!
Feumaidh
mi stad a chur air an lèirmheas an seo oir chaidh an leth uair a thìde
mu dheireadh seachad mar blur. Chan eil agam ri ràdh ach seo:
Napoleon.
Eric Cantona. Asterix. Am boireannach sna sanasan airson Renault Clio.
Jean-Luc Picard. Marie Antoinette. Zinedine Zidane. Raymond
Domenech...your boys took one hell of a beating!!!!!!




