Artaigeal le: Dòmhnall Pollock
Arm an Tartain ann am Milan
Tha Arm an
Tartain a-nise air tilleadh dhachaidh do dh' Alba ach tha fhios gum bidh cuimhne
aig muinntir Mhilan orra airson deagh ghreis fhathast! Chaidh suas ri deich mile
de luchd-leantainn na h-Alba gu ruige Milan an t-seachdainn sa chaidh airson an
geama mòr an aghaidh na h-Eadailt san San Siro, mar phàirt den iomairt gus Cupa
na Cruinne ann an 2006 a ruighinn.
Abair thusa
gun do chord e riutha agus partaidh mòr ann an cearnag mhòr Il Duomo ann am
meadhain Mhilan air latha a' gheama. Bha Albannaich, Eadailtich agus duine sam
bith eile a chaidh an glacadh ann a' gabhail pàirt is deagh spors aca uile. Aig
an San Siro fhèin choisinn an luchd-leantainn Albannach deagh chliù dhaibh
fhèin, a' seinn is a' dannsadh tron a' gheama fiùs nuair a bha làmh an uachdair
aig na h-Eadailtich air a' phàirc.
An geama
fhèin - uill chaill na h-Albannaich mu dheireadh thall 2-0 leis an da thadhail
a' tighinn bho Andrea Pirlo bho AC Milan, da bhreab-saor air leth a bh'annta. A
dh' aindeoin sin ge-tà bha tomhas de mhisneachd ann leis mar a chluich na
h-Albannaich. Chum iad cuisean an ire mhath teann aig a' chùl (far an d' rinn
Daibhidh Weir feum is e a' tilleadh dhan sgioba nàiseanta as dèidh deagh ghreis)
agus san darna leth bha dha deagh chothrom againn. An toiseach rinn Buffon, a
bha eadar na puist dhan Eadailt, sàr obrach ann an a bhith cumail a-mach
oidheirp bho Nigel Quashie. An uairsin bha cothrom air leth aig Coinneach Miller
ach gu mi-fhortanach chaidh sin a chaitheamh gu dona.
Ach as
dèidh leithid na h-Eileanan Farach (2-2), an Òlaind (0-6) agus Moldova (1-1) BHA
dòchas an seo do dh' Alba agus bidh sinn an dòchas a-nise gun tèid aca ri 6
puingean a thoirt bho na geamaichean an aghaidh Moldova agus Belarus anns an
t-Samhraidh.




