Spòrs na Seachdain!
Tha mi trang an dràsta. Tha mi deiseil san Oilthigh, chan eil obair sam bith agam ach fhathast tha rudeigin air a bhith a tarraing m’aire. Spòrs. Tha sinn air ar milleadh an dràsta leis na tha a-tachairt. Ball-coise, à Alba, Sasainn agus an Roinn Eòrpa a tighinn gu crìoch a dh’aithghearr agus tha h-uile sgioba sabaid airson na duaisean. Rangers gu h-àraidh an dràsta a strì aig gach ire. Tha iad air cupa an CIS a bhuannachadh mar thà agus tha iad a strì an aghaidh Celtic airson an lìog(o mo chreach, co aige a bhiodh dùil!), Queen of the South (Ban-rìgh na Deas an ainm Gàidhlig aca?) airson Cupa na h-Alba, agus a-nise, as dèidh an geama an t-seachdain a chaidh, Zenit St Petersburg anns an cuairt deireannach den cupa UEFA.
Tha Manchester United agus Chelsea air dol air adhart chun an cuairt deireannach ann an Cupa nan Roinn Eòrpa, Man Utd a tighinn troimhe an aghaidh Barcelona ann an geama uabhasach teann aig Old Trafford air oidhche ’Mhairt agus Chelsea a buannachadh mu dheireadh thall as dèidh uine-a-bharrachd aig Stamford Bridge an aghaidh Liverpool air oidhche ’Chiadain. Bha an ball-coise a bha air a shealltainn san dà gheama ud aig ire uabhasach àrd, le tadhal no dhà gu math bòidheach am measg na sia a bha ri fhaicinn thairis air an dà oidhche. Tha sinn nis a faicinn suidheachadh gu math inntinneach aig Deireadh an t-seasan ann an Sasainn le Man Utd agus Chelsea a strì airson an lìog agus Cupa nan Roinn Eòrpa.

Tha Rangers ann an suidheachadh gu math garbh gu tà. Uill, chan eil, tha iad a dèanamh cho math am bliadhna is a tha iad air dèanamh airson iomadh deichead bliadhna! Ach tha an t-seasan fada seo air tòrr eucoir a dhèanamh air na cluicheadairean agus mar sin tha iad uile fàs gu math sgìth. Na mo bheachd fhèin tha e coimhead an dràsta mar gu bheil barrachd cothrom aig Rangers an cupa UEFA fhaighinn na tha aca an lìog fhaighinn. Tha Celtic fallain agus tha an t-acras orra! Tha Rangers sgìth agus ann an dòigh tha iad coma co-dhiù mu dheidhinn an lìog. Tha iad airson duais Eòrpach a bhuannachadh mu dheireadh thall!
Tha sinn air dà gheama Old Firm fhaicinn o chionn ghoirid, geamaichean math, luath agus làn tadhalan agus connspaid. Cha robh mòran eadar an dà sgioba anns an dà gheama ach fhuair Celtic na puingean gu lèir gach turas agus mar sin thug e cothrom mòr dha Celtic an lìog fhaighinn a-rithist agus dha Gordon Strachan a dhreuchd a chumail!

Tha na cluicheadairean dìon aig Rangers ged thà gu bhith uabhasach cudromach agus ‘se iadsan na mo bheachdsa a bhios a riaghladh mar a thèid an seasan aig Rangers. Bha an geama aig Rangers an aghaidh Fiorentina uabhasach teann agus chluich na cluicheadairean dìon aig Rangers uabhasach math. ‘S e Nacho Novo a fhuair an tadhal mu dheireadh ach tha mi smaoineachadh gu bheil fios aig a h-uile duine gur e na cluicheadairean dìon a bha bu choire gun deach iad troimhe! Chan e geama àlainn a bha ann idir agus chan e dìreach na luchd-leantainn aig Celtic a bhios a gearran mu sin ach cuideachd luchd-leantainn Rangers fhèin!
Chan eil fhios ciamar a fhuair Aiden McGeady an duais airson cluicheadair na bliadhna ged tha le cho math ‘sa chluich Carlos Cuellar ‘sa chiad bhliadhna san lìog ach tha esan gu h-àraidh gu bhi riaghladh mar a thachras ri Rangers thairis air an ath-mhios.







