Bhideo Ref
Bha mi fhèin air mo ghlacadh bho chionn mìos no dhà le bhideo ref is mar sin ’s urrainn dhomh tuigsinn mar a tha Sasainn a’ faireachdainn a thaobh ’s mar a chaidh dhaibh ann an Cupa na Cruinne airson Rugbaidh air Disathairne. Ach cha b’ ann air raon-cluiche a bha mise air mo ghlacadh ach air Great Western Road a’ tighinn a-steach a Ghlaschu le bleigeard de speed-camera!
A’ coimhead air ais chun t-seachdain a chaidh seachad ged tha, le Alba a’ cluich an aghaidh an Ugràn agus Georgia, bha a h-uile Albannach beò ag ùrnaigh airson bhidio ref gus am faigheadh sinn breab-peanasach no dhà (no ceithir!). Air an t-bh ’s e breab-peanasach a bh’ anns gach fear, ach chan fhaca an duine san dubh na bha sinne a’ faicinn, agus mar sin, bha an geama an aghaidh an Ugràn tòrr na bu duilghe na bu chòir agus thill sinn air ais bho Georgia gun phuing!
Ach a bheil e comasach an geama àlainn atharrachadh ann an dòigh cho mòr mar a tha iad air a dhèanamh ann an rugbaidh? Na mo bheachdsa tha rugbaidh air fàs caran slaodach bho thàinig an bhideo ref a-steach, ach gun teagamh tha e air seòrsa de dhùsgadh a thoirt dhan gheama, a’ ciallachadh nach eil mòran de na co-dhùnaidhean ceàrr, agus mar sin chan eil mòran adhbhar agad a bhith fiadhaich ach leis an sgioba agad fhèin!
Bha Sasainn gu math mi-fhortanach anns an rugbaidh, gun bhideo-ref ’s dòcha gun robh iad air buannachadh, ach bha an ref ceart - gach fear aca ceart - agus mar sin feumaidh tu moladh mar a tha iad a’ tighinn gu co-dhùnadh. Ann am ball-coise ged tha chan eil mòran moladh ann airson nan refs. Fiùs aig an deireadh-seachdain a chaidh seachad bha tòrr rudan connspaideach ann agus feumaidh mi ràdh gu robh e neònach nach robh gin aca sa gheama Old Firm! Tha na refs ann an ball-coise a-nis air am peanasachadh iad fhèin nuair a tha iad a’ tighinn gu co-dhùnadh ceàrr. Chan eil mi fhèin ag aontachadh ri seo, tha mise a’ toirt taic do na refs, agus tha mi ag aithneachadh gu bheil an dreuchd a tha aca uabhasach duilich agus làn mion-sgrùdadh.
Co-dhiù, le bhideo ref cha bhiodh am breab-peanasach a fhuair Ruisia an aghaidh Sasainn an t-seachdain a chaidh air a thoirt seachad! ’S e daoine snog, uasal, measail a tha ann an refs. (tha mi an dòchas gu bheil Gàidhlig aig an referee a bhios an urra ri Alba an aghaidh an Eadailt ’s gun leugh e seo!)




