Skip to content

champions league

Nuair a bhuannaich sgioba ball-coise Liverpool 1-0 an aghaidh Inter Milan nas tràithe sa mhios, ruig iad quarter-finals an Champions League. Leis gur e seo prìomh fharpais ball-coise na Roinn Eòrpa bhitheadh tu a’ sùileachadh gum bioddh iad a-nis a’ deasachadh airson geam an aghaidh sgioba às an Spàinn ’s dòcha? No às a’ Ghearmailt? An Fhraing?

champions-league-liverpool

Cha bhi cothrom aig na luchd-leantainn aca faighinn dhan ghrèin buileach fhathast ge-tà. Fhad ’s nach eil a’ ghrian a’ deàrrsadh ann an Lunnainn co-dhiù – oir ’s e sin far am bi iad a’ cluich an aghaidh Arsenal air an dàrna latha dhen Ghiblean. Rinn na Gunners an gnothaich air an sgioba eile à Milan (AC) airson an ìre seo ruigsinn agus uile gu lèir cluichidh ceithir sgiobaidhean Sasannaich anns a’ chuairt seo le Manchester United agus Chelsea cuideachd a’ buannachadh nan geamannan aca.

champions league2

Tha sin a’ ciallachadh gu bheil sgiobaidhean bhon Phremier League a-nis a’ dèanamh an-àirde 50% de na sgiobaidhean a tha fhathast anns an fharpais – a’ chiad uair a tha sgiobaidhean à dùthaich sam bith air a bhith cho soirbheachail aig an ìre seo. Fhathast còmhla riutha anns an fharpais tha sgiobaidhean à 4 dùthchannan eile le Schalke (A’ Ghearmailt), Barcelona (An Spàinn), Roma (An Eadailt) agus Fenerbache (An Tuirc) uile a’ feuchainn ri stad a chur air cuach nan sgiobaidhean Shasannach.

champions league cristiano

A bheil seo a’ ciallachadh gur e ball-coise Sasannach am ball-coise as fheàrr as an t-saoghal ma tha? Tha mi cinnteach gu bheil seo a rèir mar a tha thu a’ coimhead air. An e ball-coise Sasannach a th’ ann nuair nach e Sasannaich a th’ anns a’ mhòr chuid de na cluicheadairean no nuair nach eil manaidsear Sasannach air ceann gin de na sgiobaidhean?

Champions league Drogba

Ceist eile: A bheil e math airson a’ gheama nuair a tha smachd cho mòr aig sgiobaidhean à aon dùthaich is am farpais airson an Roinn Eòrpa air fad. Nuair a thòisich am farpais ann an 1955 agus suas gu 1997 cha robh ach aon sgioba à gach dùthaich a’ cluich anns an fharpais (na “champions” mar a bhiodh tu an dùil!) agus mar as àbhaist bha seo a’ toirt cothrom na b’fheàrr do sgiobaidhean bho air feadh na Roinn Eòrpa. O chionn goirid ge-tà, tha sin air na h-aon sgiobaidhean Spàinnteach, Eadailteach agus Sasannach fhaicinn a’ toirt suas na h-aiteanan mu dheireadh san fharpais.

Chan eil còir cus dragh a bhith oirbh mu chuach na sgiobaidhean seo buileach fhathast, ge-tà, mar a tha farpais an FA Cup a’ sealltainn dhuinn. Leis nach do rinn gin de na sgiobaidhean mòr Sasannach a tha sin air ainmeachadh a’ chùis air fiù ’s an dàrna cuairt dheireannach a’ ruigsinn, togaidh sgioba eile a’ chupa airson a’ chiad uair bhon a bhuannaich Everton ann an 1995. Nuair a tha sgioba mar Barnsley air Liverpool agus Chelsea a’ bheatadh – rud a bha ro dhoirbh airson Inter Milan agus Olympiakos – tha fhios againn fhathast gum faod rud sam bith tachairt ann an saoghal àlainn, annasach ball-coise!