Skip to content

Artaigeal le: Domhnall Pollock

Gaelic Games: Football

gaelic1An robh fhios agaibh gu bheil geama ri fhaighinn a-nise son PlayStation 2 mu spors Ghàidhealach agus le cànan Cheilteach ann? Uill tha, se ainm a' gheama, Gaelic Games : Football agus tha e dìreach air tighinn a-mach ann an Èireann. Chaidh an geama a dhealbhadh le companaidh Astràilianach a bha mar tha e air geama Plastation2 mu Aussie Rules a dhèanamh. Leis gu bheil ball-coise Gaeilge caran coltach ri Aussie Rules chleachd iad an geama sin mar bhun-stèidh son Gaelic Games: Football.

Tha an geama gu tur da-chànanach, faodaidh tu taghadh aig an toiseach eadar Beurla is Gaeilge. Anns a' gheama fhèin tha cothrom ann a bhith a' gabhail smachd air tè sam bith de na 32 sgiobaidhean ann an Èireann, no cuideachd Lunnainn no New York. A thaobh farpaisean bidh sibh an toiseach a' cluich sa Liog Nàiseanta, is an uairsin ann am Farpais Mhòr na h-Èireann.

gaelic2Seo a' chiad uair a tha geama mar seo air tighinn a-mach agus tha fèill mhòr air a bhith air ann an Èireann. Dh' innis Sony gu bheil iad mar tha air barrachd leth-bhreaca den geama seo a reic ann an Èireann na geama sam bith eile san dùthaich am bliadhna.

Ach a bheil an geama gu feum sam bith? Uill dh' fheumainn a ràdh nach eil e idir cho math ri geamaichean coimpiutarachd ball-coise mar Pro Evolution Soccer no FIFA Soccer. Tha na grafaichean math is tha an neach-aithris èibhinn ach aig amannan tha e rudeigin doirbh na cluicheadaran a làimhseachadh. Cuideachd chan eil ainmean nan cluicheadaran mòra ainmeil a Èireann anns a' gheama. Mar sin, an àite Peadar O Ceannabhain, an cluicheadar ainmeil aig Tìr Eòghainn, chan eil ann No.14!

gaelic3Ach fiùs aig a sin mholainn an geama gu mòr do dhuine sam bith a tha dèidheil air ball-coise Gaeilge agus còrdaidh an geama riuthasan gun teagamh. Airson an còrr chanainn gur e geama meadhanach math a th'ann ach feuch gum faigh sibh air mal e an toiseach son dèanamh cinnteach gu bheil e còrdadh ruibh mus ceannach sibh e!

Nise chan eil a dhith oirnn ach geama coimpiutarachd Iomain le Gàidhlig ann!