
Tha gun do bhuannaich Glaschu a’ ciallachadh gu bheil ath-leasachadh gu bhith a’ tachairt air feadh a’ bhaile, gu h-àraidh air an taobh an ear den baile, àite an-dràsta a tha gu math bochd, a-muigh faisg air Parkhead, far am bi toglaichean ùra air an togail agus cuideachd far am bi am fàilteachas airson nan geamannan air a’ chiad oidhche. Ach tha na Geamannan cuideachd a’ dèanamh deagh shanasachd air Alba air fad, a’ toirt cothrom dhan dùthaich taisbeanadh math a dhèanamh do na dùthchannan eile a tha gabhail pàirt, agus cuideachd airson ceanglaichean nas fheàrr a dhèanamh ris an saoghal air fad.
’S e bhith a’ leasachadh spòrs a-nis an rud as cudromaich ged-tha. Feumaidh sinn fhèin duaisean a bhuannachadh aig na Geamannan ann an 2014 agus airson sin feumaidh sinn a bhith a’ cur seachad ùine agus a’ cosg airgead air clann agus deugairean a tha coimhead brosnachail. Feumaidh sinn goireasan a leasachadh air feadh Alba, chan ann dìreach anns na bailtean mòra, agus cuideachd feumaidh sinn barrachd cuideam a chuir air na spòrsan nach eil cho ainmeil.
Tha bliadhna uabhasach math air a bhith aig spòrs ann an Alba, leis an sgioba nàiseanta ann am ball-coise a’ cluich cho math ’s a chunnaic mise a-riamh, sgiobannan Albannach a’ strì cho math san Roinn-Eòrpa agus an sgioba nàiseanta Rugbaidh a’ faighinn chun chuairt-dheireannach de Chupa na Cruinne. Tha ìomhaigh Alba glè làidir an-dràsta air feadh an t-saoghail, agus feumaidh sinn cumail oirnn leis an adhartas seo – cha bhi e ach na bhuannachd airson na Gàidhlig.
Cuideachd, airson daoine a tha a’ fuireach ann an Glaschu, bithidh na buannachdan follaiseach ann an 2014, le seirbheisean siubhail agus staid nan rathaidean tòrr nas fheàrr, le sràidean glan, toglaichean ùr agus spòrs cho math ’s a ghabhas ri fhaicinn air feadh a’ bhaile.
ACH! Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach goid dùthaich sam bith eile am bonn-òr airson na Whiskey Olympics, co-fharpais a bhios aig teis-mheadhan nan Geamannan airson nan Gàidheal co-dhiù!
Murchadh MacSuain




