Skip to content

Artaigeal le: Sgleog

Iomain

A bheil ùidh agaibh ann an Iomain? A bheil feum agaibh air beagan eacarsaich as dèidh dhuibh cus ithe anns na làithean saora? Uill, ‘s docha gum bu choir dhuibh Iomain a chluich. Tha na prìomh geamaichean a nise air an cluiche san t-Samhraidh, an àite tron Gheamhraidh, a ciallachadh gu bheil an aimsir nas fheàrr airson geama a chluich. Ma tha ùidh agaibh sa gheama agus tha thu ag iarraidh a’ cluich, neo fiu ‘s dìreach geama fhaicinn, carson nach feuch sibh e an samhradh seo.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a’ cluich airson sgioba Camanachd an Eilean Sgitheanach. Èisd ris an seo airson tuilleadh fiosrachaidh air Iomain.

radio_icon Eisd ri Gilleasbuig an seo!

Airson barrachd fhiosrachaidh air na geamaichean agus cothroman iomain a dh’ fheuchainn sa sgìre agaibhse, tadhail air an làrach lìn oifigeil: www.shinty.com.