Geam' Iomain a Bhliadhn' Ùr: Uibhist a Tuath
Air an latha mu dheireadh den bhliadhna dà mhìle ’s a seachd, chuir grunnd Uibhistich na botail uisge-beatha agus na pàrtaidhean gu aon taobh (airson greis co-dhiù) ’s iad a’ dèanamh air sgoil Cheann a’ Bhaigh airson geam iomain eachdraidheil a thoirt a-steach. Bha an dà sgioba air an togail gus gach taobh de Uibhist a Tuath a riochdachadh.
An taobh an Iar - Sollas, Tigh a’ Ghearraidh, Ceann a’ Bhaigh agus Cladach; an aghaidh taobh an ear an eilein- Trumisgearraidh, Loch nam Madadh, Lochephoirt, agus Cairinis. ’S e geam sònraichte dha-rìribh a bha seo a thaobh nach robh a leithid air a bhith air a chluich anns na h-eileannan airson ceud bliadhna.

’S ann ann an 1907 a chaidh geama iomain a chluich mu dheireadh eadar sgiobaidhean Uibhist. ’S e sgire Shollais agus sgire Tigh a’ Ghearraigh a bha feuchainn an latha sin air machair Shollais (bha muinntir Tigh a’ Ghearriadh air coiseachd còrr air ochd mìle airson faighinn chun a’ gheama). ’S e sgìre Tigh a’ Ghearraidh a shoiribhich an latha sin, ach tha fior dheasbad air a bhith ann a rèir cho reusanta sa bha cùisean oir gun robh camain cheart bhon Eilean Sgitheanach aig muinntir Tigh a’ Ghearraidh agus gun ach pìosan tana de chraobhan aig càch.
Chan eil cunntas sam bith ann gun robh an geama traidiseanta seo air a chluich eadar 1907 agus 2007 agus tha feadhainn den bheachd gun robh muinntir Shollais cho feargach agus nach cluicheadh iad a-rithist! Chaidh an cupa fhèin air chall airson grunnd bhliadhnaichean mus deach i lorg ann am preasa san Eilean Sgitheanach goirid ro geam na Bliadhn’ Ùir.

Cha robh an geam o chionn ghoirid buileach cho dramatach sa bha na geamaichean o chionn fhada. ’S e an taobh an Ear a rinn an gnothach, a’ buannachadh deich tadhail gu neoni. Chaidh an geam a chluich ann an spiorad math dha-rìribh agus tha a h-uile dòchas ann gum bi na sgiobaidhean a tha seo a’ feuchainn an aghaidh a chèile airson iomadh bliadhna ri thighinn.

Air eilean a tha a-nis fo smachd ball-coise bha gach neach aig an robh pàirt sa gheama sònraichte seo - cluicheadaran, gach neach a thàinig a choimhead agus na daoine easgaidh a chur air an geam air dòigh - ag aontachadh gun deach stàid na h-iomaine ann an Uibhist a Tuath a bhrosnachadh gu mòr.
le Keith J. Dòmhnallach