Artaigeal le: Dòmhnall
Bhalter Mac a'
Ghobhainn
A bheil sibh toilichte le Bhalter Mac a’ Ghobhainn mar mhanaidsear ùr sgioba
ball-coise na h-Alba? Bidh sinn an dòchas gun dean e nas fheàrr na rinn Berti
bochd co-dhuibh!
Bha mòran san Arm Tartain ag iarraidh Gòrdain Strachan
mar mhanaidsear, fear beag crosda leis an fhalt dearg, s docha gur e sin a bha a
dhith air ball-coise na h-Alba! Ach tha fhios nach robh an SFA fhèin ag iarraidh
an leithid idir is dhaibhsan bha Walter Mac a’ Ghobhainn na bu fhreagarraiche
buileach.
Rinn esan obair uamhasach math nuair a bha e aig Rangers ach
as dèidh sin cha deach cho math leis aig Everton. Chanadh cuid nach eil mòran
airgid aig Everton ach chan eil sin a’ cur bacadh mòr sam bith air Albannach
eile a tha nise a’ stiùireadh cuisean aig Goodison, Daibhidh Moyes. Saoil am
biodh esan deònach an sgioba nàiseanta a ghabhail os làimh uaireigin anns na
bliadhnaichean ri teachd?
Feumaidh sinn uile a-nise ge-tà ar taic a chur
ri Bhalter oir chan eil ann a-nise ach beagan sheachdainean gus am bidh Alba a’
siubhail dhan Eadailt airson geama eile san iomairt gus Cupa na Cruinne 2006 a
ruigsinn. Sin toiseach tòiseachaidh cho doirbh sa ghabhas do Bhalter ach ma
gheibh sinn puing (no tri!) bhon a gheama no fiùs ma dhearbhas an sgioba gu
bheil iad air iad tighinn air adhart beagan, se bun-stèidh mhath a bhios sin
dhan mhanaidsear ùr.




