Skip to content

gla-common

Mar a tha fios agaibh, thèid Geamannan a’ Cho-fhlaitheis a chumail ann an Glaschu ann an 2014. Chan eil mòran teans aig na h-Albannaich a bhith buannachadh sìan ann ge-tà ’s mar sin tha Comataidh Gheamannan a’ Cho-fhlaitheis air atharrachadh beag no dhà a dhèanamh an siud ’s an seo airson ar cuideachaidh.

100m Luath-Ruith (Sprint)
Bidh feum aig gach co-fharpaiseach air an 100 meatair a ruith le cluicheadair DVD agus Microwave fo gach achlais. Aig brag a’ ghunna-toiseachadh thèid cù-phoileas a leigeil a-mach às an dèidh bho 10 slat air an cùlaibh.

110m Cliathan (Hurdles)
Dìreach mar a tha cuìsean airson an Luath-Ruith ach le barrachd stùth anns an rathad (m.e. gàraidhean, bonaidean-chàra, callaidean agus feansaichean)

An t-Òrd (The Hammer)
Faodaidh do co-fharpaisich a bhith cleachdadh òrd sam bith a thogras dhaibh. ’S e am fear a bhuannaicheas an duine a nì an cron-fhisigeach as motha eadar trì theilg.

Claimheamhaireachd (Fencing)
Bithidh na co-fharpaisean seo air an cumail taobh a-muigh bùthan Khebab ann am Baillieston, Riddrie, Drumchapel agus Easterhouse. ’S e am fear a bhuannaicheas a’ chiad fear a dh’fhàgas an ospadal.

Bogsadh (Boxing)
Tha seo dol a bhith a chumail ann am Parkhead agus Ibrox … chan eil sinn buileach cinnteach carson.

Marathon
Chan eil slighe sàbhailte air a chur air bhonn tro Ghlaschu fhathast ach nuair a tha e ann, bithidh na soidhnichean ann an Gàidhlig.

gaelic signs