Skip to content

Rionnag Ùr san t-Saoghal F1

Ainm: Lewis Hamilton
Cò às a tha e?: Stevenage, Sasainn
Còmh-la breith: 7mh Fhaoilleach 1985

formula1’S e seo a’ chiad sèasan Formula 1 airson Lewis Hamilton, daoine òg à Sasainn. Chan eil e ach 21 bliadhna dh’aois agus thòiseach e còmhla ri sgioba Vodafone McLaren Mercedes. Thòisich an sèasan uabhasach math air a shon agus gu ruige seo tha e air àite a ghleidheadh (chiad, darna no treas àite) anns a h-uile rèis. Mar sin dheth fhuair e puingean anns a h-uile rèis agus tha e faisg air mullach a’ bhùird ann am Formula 1.

’S e Lewis Hamilton an dràibhear às òige a bha riamh aig a’ mhullach. A bharrachd air sin ’s e esan an dràibhear a-mhàin a bhuannaich àite anns a’ chiad còig rèis Grand Prix.

Rugadh agus thogadh Lewis ann an Sasainn agus thog a phàrantan ainm Lewis às dèidh Carl Lewis. Thòisich e a’ draibheadh nuair a bha e sia bliadhna dh’aois nuair a cheannaich athair "go-kart" air a shon. Nuair a bha e 13 bliadha dh’aois fhuair e cùmhnant le McLaren agus chaidh e air a’ phrògram leasachaidh aca far an do dh’ionnsaich e mòran mu dheidhinn dràibheadh.

Bha e a’ dràibheadh chàraichean ann an diofar co-fharpaisean – Karting, Junior Formula is msaa mus d’fhuair e àite air an sgioba F1 am bliadhna. Bha co-fharpais eadar na dràibhearan airson an àite F1 ri taobh Fernando Alonso. Bha an co-fharpais seo eadar Pedro de là Rosa, Gary Paffett agus Lewis fhèin. Bhuannaich Lewis an t-àite agus tha e air a bhith a’ buannachadh bhon uair sin!

Tha daoine gu math measail air Lewis anns na meadhanan agus tha eòlaichean mar Jackie Stewart a’ smaoineachadh gum b’ urrainn dha Cuach na Cruinne F1 a bhuannachadh am bliadhna. Leis na rudan a rinn e ’s coltach gum bi e a’ dèanamh uabhasach math ann am F1 airson iomadh bliadhna agus ’s e "one to watch" san àm ri teachd a tha ann dha-rìreabh.

Cuir beachdan thugainn! deasaiche@sgleog.com