Roland Garros (An Open Frangach)
Air
an deireadh sheachdain, chaidh an cuairt dheireannach aig Roland Garros
air a chluich. Bha daoine an dùil Justine Henin fhaicinn, ach stad i a
cluich dìreach dà sheachdain mus do thoisich an co-fharpais. Leis an
sin, bha an co-fharpais gu tùr fosgailte airson cuideigin eile agus se
Dinara Safina agus Ana Ivanovic a rinn a chùis an cuairt dheireannach. Cha do ruig Safina an cuairt mu-dheireadh do Ghrand Slam
rìamh roimhe agus se an cluicheadair as ùra aig àireamh a h-aon bh’ann an
Ivanovic.

Thoisich
Ivanovic gu làidir, a bristeadh anns a chiad geama, agus an uairsin a
rithist anns an còigeamh, a dhol suas 4-1. Ach an uairsin, bha coltas
gu robh Safina dol a thighinn air ais, a bristeadh dà thuras i fhìn ach
bhris Ivanovic airson an treas uair anns an 9mh geama, is bhuannaich i
a chiad set 6-4. Bha a chuid de na shots aig Ivanovic dìreach
eireachdail!
Thoisich
Safina gu làidir anns an darna set, ach bhrist Ivanovic a-rithist anns
an treas geama, is bha i a cluich gle mhath. Cha robh Safina comhurtail
a cluich an geam' aice fhìn idir. Bha trioblaid aig an
dithis aca ann am meadhan an set a cumail na serves àca a dol ach
troimh geamaichean gu math
fada, chum iad greim air na geamaichean serve aca. Ach an uairsin bhris
Ivanovic anns an 9mh geama airson an set a ghabhail 6-3. Le
sin, bhuannaich i a chiad Grand Slam aice 6-4 6-3.

Airson an treas bliadhna a' ruith se Rodger Federer agus Rafael Nadal a’ choinnich anns a chuairt mu-dheireadh. Cha robh Federer air a bhidh cho làidir am bliadhna sa tha e air a bhidh roimhe, is bha Nadal a coimhead gu math comasach anns an co-fharpais, gun set a chall.
Thoisich Nadal làn neart, a briseadh anns a chiad geama. Bhrist e a rithist anns an 5mh agus an 7mh airson a chiad set a ghoid 6-1. Bha Federer a fiachainn ri tighinn a steach dhan lìon, ach bha Nadal deiseal air a shon, is cha do dh’obraich am plana aig Federer idir.

Bhris
Nadal anns an darna geama den darna set, ach bhrist Federer air ais
anns an treas. Bha an luchd-coimhead gu tùr air cùl Federer, is
thoisich
e a cluich nas fhearr agus bha e an geama faisg air an lìon a
toiseaechadh ri obrachadh nas fhearr. Ach bha Nadal ro làidir 's bhris
e a rithist anns
an 8mh geama, is bhuannaich e an set 6-3.
Ruith
Nadal air falbh leis anns an treas set, a bristeadh anns a chiad, treas
agus còigeamh geamaichean airson an set a bhuannachadh 6-0. Leis sin,
bhuannaich e an co-fharpais an aghaidh an cluicheadair as fhearr san
t-saoghal 6-1 6-3 6-0. Sin an 4mh bliadhna a bhuannaich e an
co-fharpais Roland Garros, is chan eil e ach 22 bliadhna a dh’aois!







