Artaigeal le: Sgleog
SkyeDance 2005
Bho chionn
ghoirid thàinig buidheann dannsa ri chèile aig ionad Àros air an t-Eilean
Sgitheanach airson cuirm-dannsa a chuir air dòigh.
Bha a h-uile seòrsa dannsa ann; hip hop, dannsa seann fhasanta, dannsairean bhon Rus agus deugairean a’ dèanamh dannsa bho ‘Chicago’. Chaidh a h-uile tiocaid air an reic airson na da oidhche, a ciallachadh gun deach còrr is ceithir cheud daoine ga choimhead.
Leis cho soirbheachail sa bha consart SkyeDance 2005, tha dùil aig a bhuidheann neach-leasachaidh a chuir an dreuchd airson dannsadh a theagaisg air feadh na sgìre.
Bha Catherine NicLeòid aon dhe na dannsairean aig a chonsart mu dheireadh. Seo i a bruidhinn mu dheidhinn SkyeDance…
Èisd ris an agallamh an
seo.




