Alba is Spòrs: A bheil iad a' dol comhla?
Thairis air na bliadhnaichean chan eil Alba air a bhith uabhasach soirbheachail ann an saoghal na Spòrs. Uill mar as abhaist tha sinn faisg air buannachadh ach cha do rinn sinn builleach an cùis!
Ach a bheil cùisean a' coimhead nas fhearr na làithean-sa? Tha sgleog a’ smaoineachadh gu bheil agus tha sinne airson am misneach seo a sgaoileadh!
Ball-Coise
Tha sgioba ball-coise air a dhèanamh beagan nas fhearr na làithean-sa. Tha an sgioba fhathast òg agus tha iad a' coimhead fada nas fhearr le Bhaltar Mac a' Ghobhainn mar manaidsear. Thainig Bhaltar da bhliadhna air ais agus gu ruige seo tha esan air a bhith fada na b' fhearr na bha Berti Voglts - ach cha bhiodh sin uabhasach diorbh, am biodh? Tha sinne a' coimhead ri Euro 2008 a-nise agus tha sinne an dochas gum bi sinn a' dol chun a' chiad co-fharpais cudthromach airson a' chiad turas anns na deich bliadhna a chaidh. Tha sgioba Alba air a' chiad agus an darna geama a bhuannachadh anns a' bhuidheann. Ach tha A' Fhraing agus An Eadailt anns an aon bhuidheann is mar sin dh' fhaodadh cùisean a bhith gu math teann.
Baidhsagalachd
Seo spòrs far a bheil Alba gu math soirbheachail. A bheil cuimhne agad air Graeme Obree? Bhriste esan an WHR (World Hour Record) da thriop agus 's e "The Flying Scotsman" am far-ainm a bh' aige. 'S e fior gaisgeach a bh' ann airson baidhsagalachd ann an Alba.
Gu dearbh 'b e Graeme Obree an gaisgeach a bh' aig Chris Hoy nuair a bha esan a' toiseachadh air baidhsagalachd. Tha Chris Hoy air bonn òr oileampaic a bhuannachadh ann an 2004 agus bhuannaich Craig Maclean aig na World Championships ann an 2002 cuideachd. Is mar sin seo spòrs eile far a bheil Alba math air.
Seòladh
Bhuannaich Shirley Roberston à Sruighlea bonn òr oileampaic ann an Athens a bhon-uiridh ach cha robh seo a' chiad bonn oileampaic a bh' aice. Bhuannaich i bonn eile ann an Sydney. 'S e seòladair a th' innte agus bhuannaich i leatha fhèin ann an Sydney agus an uairsin bha i na caiptean air a' bhàta a bhuannaich ann an Athens. Mar sin tha i air da bhonn òr a bhuannachadh ann an seòladh ann an dhà dhòighean. Cha robh fios aig duine sam bith dè bh' ann an yngling gus an deach Shirley a Athens ach 's e seòrsa de bhata seòlaidh a th' ann agus tha sinn an dòchas gum bi i a' gabhail pàirt anns na h-Oileampaics ann an 2008.
Tennis
Chan eil ach da fhacal a th' againn ri radh an seo: Anndra Mòireach. Tha Anndra Mòireach air Alba a chur air a mhapa ann an saoghal Tennis. Tha an gille à Dhùn Bhlàthain air a bhith gu math soirbheachail anns a' bhliadhna a chaidh seachad. Tha e air a chuis a dheanamh air Tim Henman agus Andy Roddick agus chaill e anns an final air an co-fharpais fosgailte ann an Thailand. Tha cùisean Albannach a' coimhead gu math dochasach ann an Tennis anns an àm ri teachd. Cinnteach gum bi Mòireach a bhuannachadh Wimbledon aon latha.




