Sìos agus suas Breatain an dràsd a daoine a smaointinn air dòighean diofraichte a bhith togail airgead airson an catharnas Sport Aid ach chan eil feum agaibh feitheamh chun an 15 an t-Iuchar airson airgead a thogail air a shon agus tha mar a tha David Walliams na dheagh eisimpleir dhuinn uileag!
Snàmh David Walliams (Little Britain, Eh eh ehhh!) tarsainn air an Sianal Shassanaich ann am beagan a bharrachd air deich uairean agus chun a ruige seo tha e air £587,860 a thogail airson an catharnas sònraichte seo mar tha agus tha dòigh furasta ann
Tha Sport Aid air a bhith dol bho 1976, a toirt taic airgid do dh’òigridh a tha sireadh cùrsa beatha troimh na spòrs aca. Tha tòrr dhaoine a that air an taic tha seo fhaighinn air a dhol air adhart gu bhith gu math soirbheachail mar Steve Redgrave agus Matthew Pincent a bhuannaich am bònn oir aig na geamanan Olympic 9 tursan eadarra thairis air fichead bliadhna agus eadar an trì cho-fharpaisean Olympic mu dheireadh thug Sport Aid taic gu LETH dheth na daoine a bhuannaich bonn!


Chanadh daoine nach e catharnas ceart a tha seo ‘s gum bu choir dhuinn a bhith toirt airgead do na daoine bochd àcradh anns na dùthchanan bochda agus ann an doigh tha iad ceart ach tha Sport Aid a toirt taic do dhaoine airson na tàileantan a bhrosnachadh agus toirt na mhòr mhisneachadh gu daoine a chumail a dol leis na spòrs aca ann an àrainneachd far a bheil a h-uile duine gan cuideachadh.
Ma smaoineachas tu air na cosgaisean a th’aig teaghlach àbhaisteach, agus an uairsin smaoinich air na cosgaisean a bhitheadh agad a siubhal clànn fichead mìle gach latha airson treànadh. Tha Sport Aid a toirt taic do theaghlaichean mar seo agus carson nach fhaigheadh iad? Ma tha uìdh sonraichte aig cuideigin ann a bhith deanamh spòrs sonraichte carson nach toir sinn dha a h-uile Mhisneadh?
Tha an “Sport Relief Mile” a tachairt air feadh an dùthaich agus ma tha thu airson gabhail pàirt ann thèid dhan an làrach aca www.sportrelief.com www.sportrelief.com/get-involvedagus ghaibh thu mach càite a tha fear a dol… neo ma nach eil sibh airson ruith a dh’àite, faodaidh tu airgead a chur thùca air an làrach cuideachd… agus ma tha thu ro leisg airson fiùs sin a dheanamh teacst David gu 82125 airson nòt agus theid 70 sgillinn dhan catharnas!
Siuthadaibh! Cuimhnich gum bìdh nan ath geamanan a cho-fhlaitheis ann an Glaschu!




