Skip to content

Hendry cò?

Berryden_cue_winner[1]A bheil fhios agaibh dè a dh’fhaodadh tachairt ann an 24 uair? An do smaoinich thu rìamh gun dèanadh tu a’ chùis air cluicheadair spòrs ainmeil? No dithis chluicheadair?? Uill, tha sgeul agam nach creideadh tu …. Ach tha e fìor!

Mar as trice Oidhche Luain, bha mi a’ cluich leis an sgioba sgiathagan agam nuair a chuala mi gum biodh Pàdraig ‘One Dart’ Manley, fear de na cluicheadairean sgiathagan as fheàrr san t-saoghal a’ taisbeanadh nan sgilean aige oidhche Dhiardaoin.

A’ teicheadh às an oilthigh beagan na bu tràithe na bha còir agam airson sin fhaicinn, chuala sinn gum biodh cothrom againn cluich an aghaidh duine a ghabh pàirt anns a’ gheama mu dheireadh ann an Co-fharpais an t-Saoghail.

Bha mo charaid Al ‘Mòr’ Dòmhnallach às an taobh sear (sin Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach) a’ dol ann còmhla rium. Ach nuair a ràinig sinn, cha robh sgeul air Manley - bha e gu bhith ann an ath latha. Cò bha ann ach Stephen Hendry ainmeil, an cluicheadair snucair - is esan a’ toirt dùbhlan do dhuine sam bith a bha ann cluich geama ‘pool’ na aghaidh.

Uill, tha Al Mòr fada nas fheàrr na mise aig ‘pool’ ach chuir an dithis againn air n-ainmean sìos air an liosta

Chunnaic sinn deichnear a’ feuchainn ris a’ chùis a dhèanamh air Hendry, ach cha do shoirbhich leotha idir. Chaidh Al Mòr a chluich …. Is rinn e fìor mhath! Cha robh ach aon bhall dathte air fhàgail aig Hendry, ach bha còig agus am ball dubh air fhàgail aig Al Mòr. Ach abair thusa gun deach an latha ris! Ann am priobadh na sùla bha Al Mòr air a h-uile ball a chur sìos.

An uair sin, bha cothrom agamsa a dhol an sàs ….. bha Hendry is mi fhèin a’ cluich gu math faiceallach nuair a bha sinn a’ feuchainn ri obrachadh a-mach mar a chluicheadh sinn. Bha trì buill dhathte air fhàgail aig an dithis againn. Dh’fheuch mi ris a’ bhall gheal a chur am falach air cùl fear de na ‘dathan’ agam gus dragh a chur air. Cha robh Hendry toilichte idir - "Dirty dog!" thuirt e rium.

Ach dh’obraich e dhomhsa. Fhuair esan a-mach às an ‘snucair’ ceart gu leòr ach dh’fhàg e cùisean meadhanach furasta agam is chur mi a h-uile ball a bha air fhàgail sìos gus a’ chùis a dhèanamh air Stephen Hendry!! Hendry, a bhuannaich Co-Fharpais an t-Saoghail ann an snucair seachd tursan, a’ call nam aghaidh!!

An uair sin, bha prize draw ann, is bhuannaich mi a-rithist! An triop seo, fhuair mi an cue aig Hendry fhèin le ainm sgrìobhte air. "Not you again", thuirt e nuair a chunnaic e cò a bhuannaich!

An ath latha thill mise, mo bhràthair Neil is Al Mòr airson tachartas Manley. Bha seòrsa de cho-fharpais ann … bha Manley a’ tilg trì sgiathagan is bha againn ri barrachd fhaighinn le sia againn fhèin.

Bha Al Mòr a’ cluich an tòiseach. Fhuair esan 41, fhuair Pàdraig Manley 43 is mar sin bha e furasta dha-rìreabh do Al a’ chùis a dhèanamh air.

Mise an uair sin. Fhuair mise 85, fhuair Manley 100 ach cha robh ach 16 a dhìth orm is fhuair mi iad. Dh’fheuch mo bhràthair is rinn esan a’ chùis cuideachd le 120 gu 100.

Sin agaibh e. Chan eil mi dol a ràdh gun robh e furasta, ach rinn sinn a’ chùis air dithis chluicheadairean spòrs ainmeil ann an 24 uair!

Tormod ‘Teòma’ Dòmhnallach