Skip to content

Wimbledon


’S e Wimbledon an fharpais tennis a bu shine, a bu mhotha, agus a bu chudromaiche san t-saoghal agus thainig e gu crioch aig an deireadh sheachdainn. Tha e air a bhith a’ gabhail àite ann am Breatainn bho 1877, ged nach d’fhuair boireannaich cothrom a’ chluich gu 1884, ach chan eil cluicheadairean Breatannach air a bhith soirbheachail airson ùine mhòr ‘s mar sin cha robh mòran dòchas againn gu robh e dol a thachairt am bliadhnasa nas motha!

’S e Virginia Wade, a bhuannaich ann an 1977, am boireannach Bhreatannach mu dheireadh a bhuannaich Wimbledon agus dh’fheumadh tu a dhol air ais gu 1936 agus Fred Perry airson am fear Breatannach mu dheireadh a bhuannaich.

Tha Tim Henman air na semi-finals a ruigheachd 4 tursan, an turas mu dheireadh ann an 2002, ach bhon àm sin chan eil mòran air a bhith ro dhòchasach gun robh cùisean dol a dh’atharrachadh ann an àm a bha ro ghoirid. Agus gu dearbh, ’s e briseadh dùil mòr a bh’ ann nuair a chaill e do Feliciano Lopez.

’S ann a nuair sin ge-tà a thòisich sinn a’ mothachadh Anndra Moireach. Tha an t-Albannach òg, a tha a-nise air ainmeachadh mar an 8mh cluicheadair as fheàrr san t-saoghal, air a bhith a’ cluich tennis mìorbhaileach agus a’ buannachadh mòran gheamaichean am-bliadhna.

Mar a bhiodh tu an dùil ma tha, bha a h-uile duine a’ feitheamh airson faicinn dìreach dè cho math ’s a dhèanadh e aig Wimbledon ach gu mì-fhortanach, chaidh a làmh aige a ghoirteachadh bho chionn goirid, agus airson dèanamh cinnteach nach fhàs e nas miosa, thàinig e dhan co-dhùnadh nach chluicheadh e idir.

Cò ma tha bhuannaicheas am-bliadhna? Uill, leis an dithis Bhreatannaich mu dheireadh, Tim Henman agus Katie O’Brien, air a dhol a-mach às a’ cho-fharpais gu math trath, bha e coltach nach gleidh Breatannach wimbledon airson bliadhna eile… ach fan mionaid… nach eil brathair aig Anndra Mhoireach?! Saoil an dean easan an gnothach? A bheil e fiùs a cluich?


wimbledonLeis an t-side cho dona sa tha e am bi duine a cluich?! Am bi gu leor Robinson’s aca?

Uill, stad an t-uisge, agus gun iongnadh sam bith bhuannaich Roger Federer… a-rithist. Rinn Rafael Nadal a’ chùis air anns an Fhraing o chionn goirid, ach chluich iad a’ gheam sin air crèadh agus air an fheur aig Wimbledon chan eil duine air Federer a bheatadh airson 5 bliadhna. A bheil duine a muigh an sin a bhriseas smachd an Spainnteach?

Chan robh e cho soirbh a ràdh cò bhuannachadh co-fharpais nam boireannach ach bha colas math air Amelie Mauresmo (a bhuannaich an-uiridh), Justine Henin (a th’ aig #1 san t-saoghal), Maria Sharapova agus Serena Williams a-measg mòran eile ach se William’s eile, Venus, a chaidh dhachaidh leis an duais airson an 4mh turas nuair a chuir i as do Marion Bartoli, agus chan eil i ach aig #23 san t-saoghal!  

Ach, a naidheachd as motha ann am Breatainn an drasd, ‘se ‘s gu bheil Jamie Mhoireach, brathair Anndra, air eachdraidh a dheanamh nuair a bhuannaich e fhein agus Jelena Jankovic na “mixed doubles!” B’esan a chiad cluicheadair Bhreatainneach a tha air buannachadh Wimbledon ann an trichead bliadhna! 

Bidh Wimbledon air ais ann an 2008, mar a tha e a h-uile bliadhna, agus bidh sinn an dòchas gum bi na Gillean Mhoireach air ais cuideachd. Saoil am bi Federer deiseil air an shon an uair sin?