Wimbledon
Tha co-fharpais Wimbledon a tòiseachadh a-rithist air Diluain. Ged nach do thoisich am bliadhna aige cho math ‘s a bhiodh e ag iarraidh, bith Roger Federer a lorg an siathamh duis Wimbledon aige ann an sreath – a chiad duine sin a dhèanamh riamh.

Ach cha bhith e furasta dha. Bidh Rafael Nadal, a chuir as do Federer anns an Open Frangach am bliadhna, ag iarraidh Wimbledon a bhuannachadh, as dèidh dha an cuairt-dheireannach a ruighean anns an dà bhliadhna a chaidh seachad.
Ged nach fhaca mi an geama, tha coltas gu robh Nadal a coimhead gu math làidir an aghaidh Novak Djokovic anns an co-fharpais Artois Championships. Tha fhios gum bith an dithis aca mar cunnart mhòr do Federer.

Bith daoine a coimhead gu math faisg air Andy Murray cuideachd. Bha coltas gum biodh beagan dragh air as deigh dha òrdag a ghoirticheadh an seachdain sa chaidh, ach tha e ag ràdh gu bheil e ceart gu leòr airson a bhith a cluich.
Ann an co-fharpais na boireannaich, bith Ana Ivanovic, an cluicheadair as fheàrr san t-shaoghal, a’ lorg an darna Slam aice as dèidh an Open Frangach am bliadhna. Tha bliadhna fìor mhath air a bhith aice. Ach cha bhith cuisean furasta dh’ ise nas motha.

Rinn Maria Sharapova a chùis air Ivanovic anns an cuairt dheireannach aig an Open Astràilianach nas tràithe ‘s a bhliadhna. Bith Venus Williams, a bhuannaich Wimbledon an uiridh, gu mat doirbh fhaighinn seachad cuideachd.
Air barrachd air sin, tha Jelena Jankovic ann, nach eil idir fada air cùlaibh Ivanovic anns na rankings, is a tha air a bhith làidir o chionn goirid. Agus nach dìochiumhnichibh Serena Williams!

Bidh daoine a coimhead gu mòr cuideachd air Jamie Murray, a bhuannaich an mixed an uiridh còmhla ri Jankovic. Chan eil iad a cluich còmhla am bliadhna, ach tha fhios gum bidh daoine an dòchas gum b’ urrain Jamie duais eile fhaighinn.
Tha tòrr ainmean mòra a’ dol a bhith ri fhaicinn thairis air an co-fharpais, is cha b’ urrain dhomh idir a ràdh cò bhuannaicheas. Tha fhios gum bith e glè mhath, gu tà!







