Artaigeal le: Gordon Camshron
Lance Armstrong: Gaisgeach a’ Gheansaidh Bhuidhe
Is cinnteach gum bi sibh eòlach air an ainm ‘Lance Armstrong’ mar thà. Bidh sinn ga fhaicinn air an telebhisean gu math tric gach samhradh a’ dol timcheall rathaidean na Frainge, geansaidh buidhe air a dhruim, is e a’ gabhail pàirt ann an Turas na Frainge.
An-diugh, tha
e beartach, soirbheachail is ainmeil le caraidean cumhachdail ann an saoghal nam
poileataigs. Oh, agus tha tè thaitneach, tharraingeach ri a thaobh – is i Sheryl
Crow. Duine fortanach!
Cha robh cùisean riamh cho furasta dha, ge-tà. Dh’fhalbh athair nuair a bha Lance na leanabh, is phòs a mhathair a-rithist. Cha d’fhuair e air adhart ro mhath leis an duine ùr, is bha sgaradh mòr eatorra. Fhuair e seòrsa de dh’fhaochadh le bhith a’ falbh air a’ bhaidhsagal, a’ ruith is a’ snàmh.
Bha e follaiseach dhan a’ mhòr chuid, fiù ’s nuair a thòiseach e ann an triathlonan aig aois 13, gun robh fìor thàlann aige. Gu dearbh, bha e na phroifeasanta aig aois 16! Smaoinich – aig an aois sin, tha daoine a’ dèanamh dheuchainnean, ach bha esan a’ feuchainn ri beò-shlàint a chosnadh!
Cha b’fhada gus an robh e a’ rèiseadh bhaidhsagalan gu proifeasanta - bhuannaich e Co-fharpais na Cruinne is cha robh e ach 21. Anns na bliadhnaichean às dèidh sin, choisinn e cliù dha fhèin ann an rèisean ainmeil mar Pharis-Nice is Fleche-Wallone, ach aig an aon àm bha rudeigin a’ dol fada, fada ceàrr.
Cha deach cùisean ro mhath dha an 1996, is e an dùil ri ceum mòr a ghabhail aig Turas na Frainge. Tharraing e a-mach às an rèis, agus greiseag às dèidh sin thàinig fiosrachadh gun robh e a’ fulang le aillse. Bha an tinneas air grèim làidir a ghabhail air a chorp.
Cha robh
cùisean idir a’ coimhead dòchasach dha, ach ceum air cheum, le taic bho sgioba
mòr de dhotairean a’ tabhann leigheasan ùra, dh’fhàs e na b’fheàrr is na bu
làidire. Thill e dhan bhaidhsagal ann an 1998, is bha na toraidhean aige glè
mhath. Nochd e aig Turas na Frainge a-rithist an 1999 làn neart is a’ giùlan
dòchas do ghach duine a bha air a bhualadh le aillse.
’S e mìorbhail a bha ann nuair a bhuannaich e an geansaidh buidhe air a’ chiad latha, agus fhad ’s a lean an rèis air, shìn e air falbh bhon a h-uile duine eile, is bhuannaich e.
Bha sin na thogail-cridhe do mhòran, is bha e a’ sealltainn dhan a h-uile duine gun urrainn do chuideigin a bha gu math tinn fàs nas fheàrr.
On uair sin, tha e air 5 Tursan na Frainge eile a bhuannachadh, cho math ri iomadh rèis eile; sgriobh e dà leabhar; phòs e is dhealaich e; tha triùir chloinne aige; tha e air a bhith na fhear-labhairt dhan choimhearsnachd-aillse.
Agus tha e air còrr is 40 millean bannan-làimhe buidhe ‘Livestrong’ a reic gus airgead a thogail ’son an carthannais aige. Duine trang. Agus bidh e trang a-rithist anns an Iuchar nuair a bhios e a’ feuchainn ri Turas na Frainge a ghleidheadh ’son an t-seachdamh triop.




