Skip to content

Artaigeal le: Gordon

Seasan ùr Ball-coise

football5Obar Dheathain: Dh’fhalbh Kevin MacNeachdainn, ach cha d’fhuair e sgioba ùr fhathast. Rinn Obar Dheathain math fhèin air cuairt ann an Afraga a Deas agus tha teans gum faigh iad cluicheadair no dhà mar thoradh air an triop seo. Bidh iad ag amas air an 4mh àite san lìog, co-dhiù.

Celtic: Bhuannaich iadsan an lìog an-uiridh, is tha iad fo uallach an aon rud a dhèanamh a-rithist. Feumaidh iad adhartas mòr a dhèanamh anns an Champions League cuideachd, no cha bhi an luchd-leantail toilichte idir! Tha iad air John Hartson a reic, ach fhuair iad Jarosik, Miller agus Riordan. Bidh iad gu math làidir am bliadhna.

Dùn Deagh Aonaichte: Uill, tha iad air a bhith a’ feuchainn ri daoine ùra fhastadh ach cha tàinig mòran. Cha bhi am fear-cathrach aca toilichte mur a bhios iad faisg air mullach na lìog aig deireadh an t-seasain – ma dh’fhaoidte gum faigh Craig Brewster, am manaidsear, a’ bhròg!

Dùn Pharlain: Ghlèidh an sgioba seo an t-àite aige sa Phrìomh Lìog an-uiridh, ach theab iad tuiteam sìos dhan lìog gu h-ìosal. Tha Jim Leishman ainmeil fhasthast a’ stiuireadh an sgioba, agus bidh iad toilichte gu leòr ma bhios iad sàbhailte aig deireadh an t-seasain.

An Eaglais Bhreac: Sgioba ‘beag’ a rinn fìor mhath an-uiridh. Tha deagh spiorad aca, is tha iad gu math deònach an dìcheall a dhèanamh sa h-uile geama. Cuideachd, chluich dithis aig an sgioba – Latapy agus Theobald – ann an Cupa na Cruinne. Bidh iad airson inbhe aca sa Lìog a ghleidheadh.

Hearts: Dè na planaichean annasach aig Vladimir romanov am bliadhna? Am bi Ivanauskas fhathast na mhanaidsear anns an t-Sultain? Am faigh e a’ bhròg a-màireach? Tha mòran an crochadh air cho math ’s a nì iad anns an Champions League, agus tha Romanov ag iarraidh gum buannaich iad an Lìog. Tòrr pressure. Cùm sùil orra ge-tà.

Hibs: Tha iadsan air an t-seasan aca a thòiseachadh mar tha, is chaill iad sa cho-fharpais Inter-Toto. Chaill iad sàr chluicheadairean (Riordan is O’Connor) agus tha sgioba gu math òg aca. Ma dh’fhaoidte gum bi e doirbh dhaibh am bliadhna seo a bhith soirbheachail gun tòrr eòlais, ach tha an stoidhle aca a’ còrdadh ris a’ mhòr-chuid.

footballer1Inbhir Nis: Rinn iadsan mìorbhaileach math an-uiridh ged a chaill iad am manaidsear aca. Tha iad an dùil ri àite sa chiad leth den lìog a ghleidheadh, agus tha iad air deagh chluicheadair (Iain MacFhraing) a cheannach bho sgioba Siorrachd Rois. Tha cothrom aca adhartas a dhèanamh anns na co-fharpaisean eile, cuideachd.

Cill Mheàrnaig: Dha-rìreabh, tha deagh mhanaidsear aca, Jin Jeffries, is rinn e obair mhath an uiridh, is Cill mheàrnaig anns a’ chiad leth den Lìog. Tha sgioba aig a bheil tòrr eòlais a-nis. Cha do cheannaich iad ach dithis ùra, is cha do chaill iad ach dà chluicheadair òg’. Deagh theans gum bi iad nas fhaige air mullach na Lìog na bonn.

Tobar na Màthar: Sgioba eile aig a bheil manaidsear ùr (Maurice Malpas) agus tha iad air triùir a cheannach bho Rangers. Rinn Tobar na Màthar math gu leòr an-uiridh, is bidh iad ag amas air an seòrsa seasan a bhith aca am bliadhna. Cùm sùil air Ross McCormack – cluicheadair ionnsaigh ùr aca.

Rangers: Cha deach cho math leotha idir an-uiridh. Le manaidsear ùr, tha an luchd-leantail ag iarraidh an Lìog a bhuannachadh. Tha Rangers air naoinear fhastadh as ùire, ach chan e ‘ainmean mòra’ a th’ annta idir. Is dòcha nach eil fios aig Paul Le Guen (manaidsear ùr) fhathast cho mòr is a tha an obair seo, ach chan eil teagamh gum faigh e a-mach cho luath ’s a bhios iad a’ cluich an aghaidh Celtic.

St Mirren: Abair thusa gu bheil St Mirren toilichte a bhith anns a’ Phrìomh Lìog a-rithist. Tha grèis mhòr on a bha iad ann mu dheireadh, agus tha mòran a’ smaoineachadh gum bi iad a’ tuiteam air ais sìos dhan lìog gu h-ìosal. Tha sgiob’ òg aca, le tòrr chluicheadairean math – theirinns’ gum bi e gu math dlùth eadar St Mirren, Dùn Pharlain is An Eaglais Bhreac aig bonn na Lìog.