SPL 27.08.2007 LE MURCHADH MACSUAIN
Chan eil feum agam ach air sùil a thoirt air tan Jimmy Calderwood agus chì mi ciamar a tha Obair Dheathain a’ faighinn air adhart an t-sèasan seo. Nuair a tha iad a’ dèanamh math tha aghaidh a’ deàrrsadh mar tomàto, ach an-dràsta tha dath gu math bàn air, mar gu bheil e tinn, agus tha adhbhar air. Ceithir geamannan a-steach dhan t-sèasan agus tha Obair Dheathain gun geam a bhuannachadh, chan eil iad air leasachadh sam bith a dhèanamh air an t-sèasan a bha aca an-uiridh, agus tha iad air an dà chluicheadair a b’ fheàrr aca a chall, Russell Anderson gu Sunderland agus Craig Brewster, am bodach, gu Inbhir Nis.
Ach ma tha Jimmy Calderwood a’ fàs tinn, tha mi creidsinn gu bheil
Vladimir Romanov amharasach gum bi ar-a-mach aige a dh’aithghearr, agus tha mi
fhèin an dòchas gu bheil cuimhne aige dè thachair dha Anastasia! A thuilleadh air Christophe Berra agus Neil
McCann chan eil fhios ’am an urrainn dhomh cluicheadair sam bith aig Hearts
ainmeachadh. Tha iad air cridhe an sgioba aca a chall, le na trì caiptein mu
dheireadh aca air fàgail; Steven Pressley, Paul Hartley agus Craig Gordon, agus
bha seo uabhasach follaiseach Disathairne, nuair a bha iad air an maslachadh aig
Tha mi creidsinn gur e seo àite math airson a bhith bruidhinn mu
dheidhinn Celtic agus Rangers, ach “De mu dheidhinn Gretna?” tha sibh ag
èigheachd. Seadh ma tha, tha
Tha St. Mirren agus Caley Thistle cuideachd gu tà ann an suidheachadh gu
math cugallach, ach tha mi smaoineachadh gu bheil Caley air an rud cheart a
dhèanamh a’ toirt Brewster air ais mar mhanaidsear. Tha St. Mirren air an
cluicheadair-dìon as fheàrr a bh’ aca, Eaglais Cas-leathainn (Kirk Broadfoot),
a chall gu Rangers ach tha iad air
an chluicheadair-aghaidh as fheàrr a bha aig Caley Thistle, Craig Dargo, a
cheannachd agus mar sin feumaidh sinn faicinn ciamar a bhios cùisean a’ dol
dhaibh. Ged a chaill Falkirk 7-2 ri Rangers chluich iad geama math, agus le
Latapy fhathast a’ cluich ann an meadhan na pàirc tha cothrom aca tadhalan
fhaighinn an aghaidh
Tha buidheann eile anns an SPL a tha strì an aghaidh a chèile airson an
treas àite, ’s iad sin Obair Dheathain, Hearts, Hibs, Kilmarnock, Dundee Utd
agus Motherwell. As dèidh dhaibh ceithir geamannan a chluich tha Motherwell anns
an treas àite ach dh’ fhaodadh gum bi sgioba sam bith a-mach às na feadhainn a
dh’ainmich mi ann. Tha m’
airgead-sa a’ dol air Hibernian agus ged a tha iad air an dà chluicheadair as
fheàrr aca a chall gu Rangers agus Celtic tha sgioba òg innleachdach aca
fhathast agus le sèasan slàn aig John Collins an turas seo cò aig a tha fios de
cho àrd ’s a thèid iad. Ma dh’ fhuiricheas Steven Naismith aig
Ach mar as àbhaist tha Rangers agus Celtic mar thà aig mullach an lìog, agus tha iad air am beàrn a leudachadh.
Tha Rangers air cluicheadairean glè mhath a cheannachd, Cousin agus Darcheville às an Fhraing, cluicheadairean luath agus làidir, Whittaker à Hibernian agus DaMarcus Beasley a’ toirt dhaibh roghainn ann am meadhan na pàirc, agus b’ e deagh phìos malairt a bh’ ann a bhith a’ toirt a-steach Cuellar bho Osasuna. Tha esan gu h-àraid a’ toirt dhaibh dìon gu math làidir, le gu leòr Albannaich nam measg! Tha Barry Ferguson mar thà air tadhal no dhà fhaighinn, agus ged nach eil Boyd air mòran fhaighinn fhathast tha gu leòr aca a gheibh tadhalan. Tha Walter Smith air Rangers a chuir gu mullach an lìog às dèidh ceithir geamannan agus feumaidh Celtic a bhith ag obair tòrr nas cruaidh am bliadhna airson an tiotal fhaighinn air ais.
Ach nuair a tha cluicheadair agad cho math ri Nakamura ’s dòcha nach bi e ro dhuilich. Tha e fhèin agus an cluicheadair a cheannaich iad an àite Neil Lennon, Massimo Donati mar thà air sealltainn cho math ’s tha iad an sèasan seo, ach tha àite no dhà ann an sgioba Celtic nach eil a’ coimhead ro làidir, gu h-àraid na cluicheadairean-aghaidh aca. Tha Kenny Miller fhathast a’ coimhead mi-chofhurtail aig Celtic, tha Zurawski a’ coimhead aost, tha Jan Vennegoor of Ainm-fada slaodach agus tha Scott Macdonald agus Chris Killen gun eòlas aig an ìre seo. Ach tha Scott Brown air tighinn bho Hibernian agus le McGeady, Nakamura agus Donati uile ann an meadhan na pàirc tha Celtic gu bhith a’ cruthachadh cothroman gu leòr dhaibh airson nan tadhalan fhaighinn.
Coimhead a-mach airson Lewis Stevenson aig Hibs, Steven Whittaker aig Rangers agus Christophe Berra aig Hearts airson piseach a thoirt air mar a chaidh dhaibh an-uiridh, agus coimhead airson sèasan math bho Donati, Nakamura, Ferguson, Scott Brown agus Carlos Cuellar.




