Applications? Thalla agus C*c!
Gu
dearbh, Facebook, thalla agus c$c! Tha mi seachd searbh sgìth den a
h-uile pìos sgudal a tha daoine a cuir thugam air Facebook agus Bebo
an-dràsta. Bha mi dòigheil gu leòr le na applications mar Scrabulous
agus rudan mar an deuchainn IQ ach a-nis tha mi air mo bhàthadh leis na
tha daoine a cuir thugam.
B’àbhaist do Bhebo a bhith nas
saorsa agus nas sgiobalta ach a-nis tha Bebo cuideachd air na
applications garbh seo a thoirt air bòrd. A h-uile latha feumaidh mi
fhèin a shlaodadh tron na iarrtasan a tha tighinn bho gach caraid agus
tha mi cuir caisg orra an uairsin gus nach faigh mi iad a-rithist –
cuir caisg air na applications, chan e mo charaidean, chan eil mi cho
searbh ri sin!
“Cò an charactar bho Sex and the City a tha thu
is coltach ris?” “Cò an character bho Ran-dan a tha thu is coltach
ris?” A h-uile latha tha fear ur ann a feitheamh dhomh. Ceistean. Fad
na h-ùine. Ceist as dèidh ceist as dèidh ceist.

’S
toil leam Scrabulous ged thà. Tha e toirt oirt smaoineachadh. Ach
feumaidh tu cluich an aghaidh caraidean a tha soirbheachail airson
Scrabble, agus chan eil mòran dhuibh sin agamsa. ’S toil leam an
deuchainn IQ cuideachd, tha mise tric a seasamh aig mullach an bòrd a
tha cumail an sgor agus mar sin tha toirt orm gàire a dhèanamh!
Mar sin, ann an co-dhùnadh, chan urrain dhomh càil a ràdh ach applications – thalla agus c@c!





