Forgetting Sarah Marshall
Mar riaghailt cha bidh mise a dol
a choimhead air Rom Coms idir ach nuair a chuala gu robh Russel Brand
ann bha mi airson am fear seo fhaicinn dìreach airson an cothrom a
bhith ga chàinneadh! Tha e doirbh seo a radh ach chòrd e rium… an dà
chuid, an Rom Com agus an coilionadh aig Brand. Flip.

Tha
am film èibhinn bhon toiseach agus chaidh Jason Segel air an deagh
chleachdadh anns am prìomh pàirt cuideachd! Bha mi a gàireachdaich bhon
toiseach dhan an deireadh agus cha do chuir siàn grain orm… fiùs Russel
Brand!! Chan eil Russel Brand a còrdadh rium idir… nuair a tha e a
deanamh stand up, ann an sanasan, air an rèidio neo fius ann an
agallamh. Bìdh e a bruidhinn tòrr treallaich, tha colas uabhasach air,
chan eil e èibhinn agus chan eil e a smaointinn air duine eile ach e
fhèin. Mar sin ‘se an duine ceart a bh’ann airson am pàirt seo a
chluich!

Tha
am film a tòiseachadh le briseadh cridhe aig Peter nuair a tha Sarah
Marshall ga dhumpadh airson an caractair aig Brand. Tha Peter a dol air
saor laithean a Hawaii airson feuchainn air a bheatha chàradh ach cò
tha fuireach san aon taigh osda ris ach Sarah Marshall agus an duine ùr
aice! (se rom-com a th’ann… dè eile bha e dol a thachairt!)

Tha
Segel cho èibhinn’s a ghabhas le a bhith gearainn ‘s a ràinich airson
uair an uaireadair, agus an uairsin tha e ceart cho èibhinn a gabhail
spòrs air an ealain le luchd obrach an taigh-òsda, gu h’àraid le Rachel
(Mila Kunis, That 70s Show) bho cùl an deasc-fàilte. Le na càraidean ùr
aige tha e feuchinn ri obrachadh a mach de os cudthromach dha fheìn
airson beatha sona a bhith aige.

Tha
e doirbh airson duine do 26 bliadhna dh’aois a bhith ag radh gun do
chord Rom Com ris agus ma deach an fhilm seo a dheanamh anns na
seachdadan bhitheadh air a chluich le Barbra Streissand agus Robert
Redford ‘s e sin gu leòr airson a bhith càll meas do chàraidean… ACH
chan eil an dithis shiud anns am film idir agus tha duine amaideach
nach eil eireachdail idir ‘s mar sin ‘s dòch gum faigh mi air falbh
leis… ‘s dòcha.





