Afro


Bliadhna Ball-Coise Eile Seachad...

Bliadhna eile seachad ann an saoghal a’ bhall-coise agus tha beachdan eadar-dhealaichte aig a h-uile duine mu dheidhinn de seòrsa sèasan a bha ann. A thaobh Celtic, a bhuannaich ann an 2007-08, tha sèasan gu math neònach air a bhith aca, le tòrr den luchd leantainn ris a bheil mi air a bhith bruidhinn ag ràdh nach eil sgioba math aca, nach eil manaidsear math aca agus nach robh iad a’ cluich stoidhle ball-coise tarraingeach. Ach dè an diofar? Bhuannaich iad an lìog agus faodaidh iad togail air sin an ath-bhliadhna.

Bliadhna_eile_ball_coise2 Bliadhna_eile_ball_coise3 Bliadhna_eile_ball_coise1 Bliadhna_eile_ball_coise5 Bliadhna_eile_ball_coiseChan urrainn dhut càil a ràdh mu shèasan Rangers ach truas a ghabhail. Bho chionn mìos bha iad a’ strì airson ceithir co-fharpaisean agus bha iad a’ coimhead làidir agus a’ coimhead mar gun robh iad ‘s dòcha a’ dol a dh’fhaighinn gach fear. Ach le na geamannan a’ tighinn gu lèir còmhla ann an aon mhìos cha robh gu leòr làithean aig Rangers agus aig an deireadh bha e follaiseach gu robh iad uabhasach sgìth. Chaill iad an cuairt dheireannach de chupa UEFA 2-0 an aghaidh Zenit St. Petersburg shìos ann am Manchester agus às dèidh an geama fada ud bha mi gu math cinnteach nach robh gu leòr neart air fhàgail aig Rangers airson an lìog a thoirt dhachaigh gu Ibrox a bharrachd.

Bha Rangers a’ strì airson cus. Bha iad sgìth agus thug na geamannan an aghaidh Fiorentina agus an dà gheam a chaill iad an aghaidh Celtic aig deireadh an t-sèasan tòrr a-mach às an einnsean. Feumaidh Walter Mac a’ Ghobhainn tòrr cliù fhaighinn ged-tha airson an sgioba seo - sgioba gu math coltach ris an sgioba a bha aig Paul le Guen - a thoirt chun a’ chuairt dheireannach de chupa UEFA. Bha sèasan uabhasach math aig na cluicheadairean dìon aig Rangers ach cha robh gu leòr aca ann an meadhan na pàirce a chruthaicheadh cothroman airson daoine mar Darcheville, Cousin agus Boyd.

Bithidh bliadhna gu math inntinneach againn air an t-sèasan seo. Ann an dòigh tha e mar gun do ghoid Celtic an lìog bho làmhan Rangers agus chì sinn an ath-bhliadhna de seòrsa leasachaidhean a bhios gach manaidsear a’ dèanamh.

’S e Manchester Utd a bhuannaich Cupa na h-Eòrpa, a’ buannachadh an aghaidh Chelsea 6-5 ann an breaban peanasach às dèidh dhan gheama crìochnachadh 1-1. Geama annasach a bha ann, le tòrr a’ tachairt ach ’s e Manchester Utd a bhuannaich ged a bha cothroman gu leòr aig Chelsea buannachadh tron gheama fhèin agus cuideachd aig ìre nam breaban peanasach. Connspaid gu leòr anns an geama cuideachd le Didier Drogba a’ faighinn cairt dhearg airson sgleog a thug e dha Vidic agus cuideachd bha John Terry fortanach gun do dh’fhuirich esan air an raon-cluiche oir shad e smugaid air Carlos Tevez.

Bhuannaich Man Utd an lioga ann an Sasainn cuideachd air an latha mu dheireadh den t-sèasan. Tha bliadhna uabhasach math air a bhith aig Alex Ferguson. Cha robh e cho math airson Avram Grant aig Chelsea ged-thà, tha esan a-nise gun obair. Bithidh Chelsea air ais an ath-bliadhna ged-thà le sgioba làidir a-rithist.

Airson crìoch a chur air a’ phìos seo tha mi airson meal an naidheachd a chur air Queen of the South agus mar a chaidh dhaibh an aghaidh Rangers ann an Cupa na h-Alba. ACH, feumaidh mi a ràdh nach eil e uabhasach feumail dha ball-coise Alba gu bheil an sgioba bheag seo gu bhith a’ cluich ann an Cupa UEFA an ath-bhliadhna. Queen of the South: tha mi duilich!

 

Bliadhna_eile_ball_coise2 Bliadhna_eile_ball_coise3 Bliadhna_eile_ball_coise1 Bliadhna_eile_ball_coise5 Bliadhna_eile_ball_coise

Bliadhna_eile_ball_coise2 Bliadhna_eile_ball_coise3 Bliadhna_eile_ball_coise1 Bliadhna_eile_ball_coise5 Bliadhna_eile_ball_coise

Bliadhna_eile_ball_coise2 Bliadhna_eile_ball_coise3 Bliadhna_eile_ball_coise1 Bliadhna_eile_ball_coise5 Bliadhna_eile_ball_coise

Bliadhna_eile_ball_coise2 Bliadhna_eile_ball_coise3 Bliadhna_eile_ball_coise1 Bliadhna_eile_ball_coise5 Bliadhna_eile_ball_coise