Afro


Alba san Roinn Eòrpa!

Cupa Uefa – Roinn B

Panathinaikos (furasta)
Lokomotiv Moscow (furasta)
Atletico Madrid (furasta)
FC Copenhagen (furasta)
Aberdeen (cha bhi iad fada ann an seo!)

Dè a tha air tachairt do bhall-coise? Bho chionn fiùs còig bliadhna cha robh sinn ach a’ gabhail pàirt anns na Champions League agus a’ UEFA Cup, ach a-nis tha sinn a’ strì aig an dà ìre sin. Rangers agus Celtic a’ faighinn a’ chothrom strì an aghaidh nan sgiobaidhean as fheàrr san Roinn Eòrpa, agus fiùs Obair Dheathain, seadh, Obair Dheathain, a’ faighinn troimhe chun ath-chuairt anns an UEFA cup!

Tha mi cinnteach gum faca mòran san dùthaich Rangers a’ cur trì tadhail an aghaidh Lyon, an sgioba as fheàrr bhon Fhraing (tha mi creidsinn gu bheil an dùthaich sin gu lèir seachd sgìth dhinn!) air oidhche Mhàirt. Bha Rangers dìreach sgoinneil, na cluicheadairean-dìon a’ cur stad air a h-uile càil, agus na cluicheadairean-aghaidh, Cousin, McCulloch agus Beasley a’ faighinn na tadhail chudromach.

Agus an uair sin, air oidhche Chiadain, ann an geama uabhasach neònach, bhuannaich Celtic an aghaidh an sgioba a bhuannaich an Champions League an uiridh, AC Milan. Geama gu math robach a bh’ ann, Celtic a’ dol air thoiseach le tadhal bho Stephen McManus às dèidh uair a thìde, agus an uair sin thàinig Milan air ais gu 1-1 le breab-peanasach bho Kaka. Ach ’s e na thachair anns an dà mhionaid mu dheireadh a bhios ann an cuimhne a h-uile duine, agus chan e sin an tadhal a fhuair Scott Macdonald airson nan 3 puingean a thoirt dha Celtic, ach an amadan a bha siud a ruith air an raon-chluiche agus a thug sgleog dha goalaidh AC Milan. Tha sinn a’ cluinntinn a-nis bhon Eadailt gum bi Dida a-mach agus a-steach à ospadalan airson a’ chòrr de bheatha leis na thachair dha!

Ach, ’s e Obair Dheathain an sgioba a thug, na mo bheachdsa, a’ bhuaidh is mòra ann an ball-coise san Roinn Eòrpa, a’ cur a-mach Dnipro, sgioba a bhuannaich 5-1 an aghaidh sgioba math aig Hibs bho chionn dìreach dà bhliadhna. Chluich iad aig Pittodrie an toiseach, ann an geama gu math dìoghalt 0-0, ach ’s e an tadhal a fhuair Darren Mackie gu math tràth anns an darna geama san Ukraine a bhuannaich a’ chuairt dhaibh, Obair Dheathain a’ dol troimhe air an riaghladh Away goals nuair a chrìochnaich e 1-1.

Ach a’ coimhead ris an roinn a fhuair iad, chan eil mòran gàirdeachais gu bhith aig an luchd-taic aig Obair Dheathain.
... chan eil e uile dona ged-tà, gheibh iad saor-làithean sa Ghrèig (Panathinaikos) agus anns an Spàinn (Atletico Madrid), agus tha sin nas fheàrr na bhios na cluicheadairean agus an luchd-taic aig Hearts agus Hibs a’ faighinn – Inbhir Nis!


MURCHADH MACSUAIN

 

alba-flag