Anndra Moireach
'S e dà seachdain gu tur sònraichte a th' air a bhith aig Anndra Moireach, is e air a chiad cuairt-deireannach ann an Grand Slam a ruigheachd. Tha e gu math measail air an Open Americanach, as deidh dha an co-fharpais airson ògraidh a bhuannachadh ann an 2004.
Cha robh mòran trioblaid aig Anndra idir anns a chiad dà chuairt, ach anns an treas bha aige ri tighinn air ais bho dà set sios an aghaidh Jurgen Melzer, a bhuannachadh an treas set ann an tiebreak, is an uairsin a ruith air falbh leis and 4mh is 5mh sets.
Bhuannaich e an anns an 4mh cuairt an aghaidh Stanislas Wawrinka, an 10mh seed, 6-1 6-3 6-3. As deidh an trioblaid a bh' aige anns an treas cuairt, tha fhios gu robh e math dha an cuais a dheanamh air deagh chluicheadair gu math furasta.
An uairsin, anns an cairteal-cuairt deireannach, thainig e an aghaidh Juan Martín del Potro, a bha air 23 geamaichean a bhuannachadh gun fear a chall, agus cuairt-deireannach an aghaidh Anndra Roddick aig an Countrywide Classic nam measg. Chuir Moireach stad air del Petro gun cus trioblaid ann an ceithir sets.
'S ann anns an darna-cuairt deireannach, nam bheachd 's a, a thainig an geama as fheàrr a tha air a bhith aig Anndra riamh. 'S ann an aghaidh Nadal, an cluicheadair àireamh a h-aon ùr 's an t-saoghal, a bha e a cluich. Tha Nadal air a bhith a cluich gu sònraichte math, a bunachadh an dà slam mu dheireadh, agus cha robh Anndra air buannachadh na aghaidh roimhe. Cuideachd, chuir Nadal às do Anndra aig Wimbledon am bliadhna, gun trioblaid sam bith.
Ach 's e stòraidh eile a bha seo. Thoisich Anndra gu math gu math laidir, is cha robh freagairt idir aig Nadal air an son. Thug Anndra a chiad set 6-2, agus an uairsin an darna set ann an tiebreak, 7-5. Bhriste Nadal anns an treas set, is beagan as deidh sin bha aca ri stad nuair a thainig uisge uabhasach. Thill iad an ath latha, is thug Nadal an treas set. Ach bhriste Anndra anns an 10mh geama dhan 4mh set airson an geama a bhuannachadh 6-2, 7-6, 4-6, 6-4. Cha mhòr nach b' urrain Anndra sìon a dheanamh ceàrr anns a gheama, is bha an serve gu sònraichte laidir. Bha 21 ace aige anns an geama! Fiu' s bhuannaich e an geama le backhand àlainn.
Is an uairsin bha e anns a chiad cuairt-deireannach slam aige riamh. 'S ann an aghaidh Federer a bha e, a bha a lorg an 13mh slam aige. As deidh cho math 's a chluich e an aghaidh Nadal, bha mòran, mi fhein nam measg, an duil gum biodh fìor deagh chothrom aig Anndra an co-fharpais a bhuannachadh. Gu mì-fhortanach, cha b' urrain dha cluich cho math 's bha e an aghaidh Nadal, agus cho robh sìon ach an geama as fheàrr aige dol a dheanamh a chùis an aghaidh Federer. Cha robh an serve, a bha direach cho laidir roimhe, cho math 's a bha e, is bha iomadh cothrom bristeadh aig Federer. Anns a cheann thall, bhuannaich Federer 6-2, 7-5, 6-2.
A coimhead air an scor, tha coltas nach do rinn Anndra ro math idir, ach tha mise dean beachd gur e fìor deagh gheama a bh' aige. Ged nach robh e builleach math gu leor airson buannachadh, 's e deagh tennis laidir a bh' aige. Nuair a bha e 5-0 sìos anns an treas set, chan e direach gun do rinn e a chuis air a serve a chumail, ach bhriste e air ais cuideachd! Tha mise a smaoineachadh gu bheil sin a sealltainn neart cudromach airson na geamaichean doirbh.
As deidh a chiad cuairt-deireannach slam aige, agus cuideachd a buannachadh a chiad co-fharpais Master series aige ann an Cincinnati beagan seachdainean roimhe sin, tha cuisean a coimhead gle mhath airson Anndra Moireach. Tha mi an dòchas gun tèid gu math dha.