Belladrum
Bha mi a' dèanamh tuath gu Fèis sònraichte toabh a-muigh prìomh bhaile na Gaidhealtachd 's mi nam shuidhe air cùlaibh a' chuidhle ann am volkswagon golf estate. 'S iomadh bhaile a chaidh mi seachad mar Sruighlea, Peart, agus Baile Ùr an t-Sliabh agus bha mi a' gabhail iongadh mu gu dè a' ghàidhlig a bha aca airson Belladrum! Glag Druma? Drumma glag? Is an uairsin, bhual e orm gu robh mi a' dol a ghabhail tòrr spòrs is fealla-dha agus bha mi gu bhith air falbh bho ceò mòr baile Ghlaschu airson an deireadh-sheachdain!
Dhiochuimhnich mi mun a' Ghàidhlig airson Belladrum agus chaneil fhios a'm fhathast gu dè th'ann ach co-dhiù, ruighinn mi an t-àite. Choinnich mi ri mo charaidean à Uibhist agus chur sinn an àrd ar tentichean. Thug sinn Sollaville air ar n-àite campaidh agus gu dearbh, 's e bha a' coimhead math! Shuidh sinn sìos poile beag gus ar n-anail a ghlacadh agus rinn sinn deiseil 'son a dhol troimhe chun a còmhlain-ciùil.
Abair thusa na seallaidhean inntinneach a bha mu ar coinneimh nuair a fhuair sinn troimhe. Bha na miltean de dhaoine ann agus bha a mhòr chuid dhuibh air an sgeadachadh ann an èididhean annassach. Bha daoine air am brosnachadh gus aodach neònach a chur orra ach cha robh mi-fhèin an dùil ris an uidhir de seo. Bha buidhean de Elbhisean ann agus saoilidh mi gun robh iad ag aontachadh ri Scouting for Girls anns nach robh Elbhis marbh, ach gun robh e beò agus a cheart cho bonkers riutha! Chunna sinn buidhean de Marilyn Munro's agus piobaire annasach le cù mòr gaoideanach (leaky). Tuigidh tu bhon a dealbh!!
A bharrachd air èididhean annassach agus seallaidhean bhrèagha bhon àrainneachd mu ar cuairt, bha ceòl agus còmhlain-ciùil air leth ri chluinntinn agus ri fhaicinn! 'S iomadh trup a chunna mi na Vatersay Boys ann an talla ach is e seo a' chiad trup a chunna mi iad air steids mar seo leis a' ghrian a' dearsadh 's daoine a' dannsadh air am beulaibh. Chluich iad fuinn bhon seann chlàr aca agus bhon chlàr ùir cuideachd agus gu dearbh, chord iad ris a h-uils duine.
Thainig dihaoine gu crìoch le Scouting for Girls air a' phrìomh stèids agus bha iad sinn dìreach math dha-rireabh! Chluich iad òrain mar "She's so lovely", "Heartbeat", "It's not about you" agus chum iad am buidhean sin de dh'Elbhisean toilichte leis an òran "Elvis aint dead".
A' chiad latha seachad ma tha agus bha an dàrna latha a cheart cho math ris.
Rinn I tòrr uisge tron oidhche ach bha sinn uile fo chomhfurtchd ar tentichean ann an Sollaville. Dhuisg mi gu failleadh hama air Bbq a' tighinn a-staigh nam thent agus dh' eirich mi as a bhad. Dh'fhan sinn anns na tentichean airson deagh ghreis as deidh ar bracaist agus ann an ceann uair no dha, bha tuireadh ann agus bha a' ghrian air ais. Bha teas na greine brùdail ach math!
Bha disathairne a cheart cho coltach ri dihaoine anns gun robh an t-uamhas dhaoine air an sgeadachadh ann an èididhean annassach agus bha a' chraic air leth cuideachd. Chunna mi tòrr chomhlain-ciùil ach is iad na Waterboys a chord rium nas fheàrr na còmhlan sam bith eile air an disathairne. Is e Na Waterboys an còmhlan mu dheireadh a bha air a' phrìomh stèids air an disathairne agus tha mi a-neisd den bheachd gu bheil an abairt seo anns a' bheurla cho freagarrach 's a ghabhas "Save the best 'til last"
As deidh an òran mu dheireadh aca, bha taisbeanadh cleas-teine ann agus bha e dìreach miorbhuileach. Bha fhios aig a h-uile duine aig deireadh an taisbeanaidh, gun robh Belladrum seachad airson bliadhna eile agus rinn sinn uile gu Sollaville, sinn uile dhen aon bheachd gun tilleamaid an ath-bhliadhna agus is mi thilleas!!

