Afro


Stumbleupon

Bhithinns’ air sgrìobhadh mu dheidhinn Stumbleupon ron a seo, ach bha mi ro thrang a’ cluich leis!

‘S e plug in airson web browser a th’ann. An toiseach bìdh thu a togail profile dhùt fhèin far a bheil thu a lìonadh a steach na h-ùidhean agad.  Bho sin a mach gu tà, le bruthadh putan, bheir stumbleupon làrach-lìn ùr a’ choireigin dhùt, stèidhichte air am fiosrachadh a thug thu dhaibh!

Faodaidh tu innse do stumbleupon ma tha thu toilichte leis an làrach a thug e dhùt neo nach eil, is ceartaichidh seo do phrofile airson’s gum faigh thu làraich nas fheàrr anns an àm ri teachd. Faodaidh tu cuideachd a bhith innse do stumbleupon mu làraich-lìn a’ lorg thu fhèin, is an uairsin bith e comasach do dhaoine eile “stumbl-eadh” thairis air an làrach agad!

Tha e gu math furasta a’ chleachdadh, is ged nach eil mòran feum ann an tòrr do na làraich a gheibh thu, còrdaidh feadhainn riut gu mòr! Tha mi fhèin air mòran rudan annasach, èibhinn is inntinneach a’ lorg, dìreach le a bhith a’ bruthadh am putan stumble agam.

Ach feumaidh mi rabhadh a’ thoirt dhuibh – tha e eagalach furasta cus ùine a chuir seachad a cluich leis! Tha mi air fad uair a thìde a’ chall a stumble-eadh, is cha robh fiù’s fhios agam gu robh deich mionaid air a dhol seachad! 

 

 Stumbleupon

Stumbleupon