Afro


Tropic Thunder

Coig mionaidean a steach do Tropic Thunder bha mi a smaoineachadh gun robh Ben Stiller as a chìall le bhith cuir am film seo ri cheile. Bha cus a tachairt, bha e ro àrd, bha na cleasaichean a milleadh am film dhomh agus bha mi air innse dhomh fhèin ma nach robh e dol a dh'fhàs e nas fhearr gu robh mi dol a dh’fhàgail an taigh-dealbh. ‘Sann an uairsin a thuig mi gu robh iad air Spoof a chuir a measg an Spoof!!

Tropic thunderBho sin a mach gu tà, se film fada nas fhearr a bha nam choinneamh agus film a tha ceart cho eibhinn ri “Zoolander” neo “There’s Something About Mary.”   Le cleasaichean mar Jack Black, Robert Downie Junior, Tom Cruise agus Nick Nolte a cuir a steach ciollonaidhean sonraichte math agus gu tùr edar-dhealaichte bho na tha sinn cleachdte, tha Tropic Thunder a toirt gàire ort a tha fas nas motha beag air bheag tron fhilm.

Tha cùisean a dol gu math slaodach aig an toiseach ach nuair a nochdas Nick Nolte air an sgrìn tha sinn a fàgail an seat-filmeadh agus tha na cleasaichean air a chuir a steach dhan “Jungle.” An seo tha iad a creidsinn gu bheil iad air a filmeadh fad an t-siubhal, ach as deidh do bhuidhean amhaisg dhroigichean a bhith gan lorg tha feum aca stad a' cluich aig saighdearan agus tha iad a fàs gu bhith saighdearan ceart!

Chan eil mi airson cus a radh mun film mus faic sibh e ach gu bheil Robert Downie Junior cho èibhinn sa ghabhas a cluich cuideigin geal a tha cluich duine dubh… nuair a tha duine dubh ceart ri thaobh ga bhùitich fad na h-ùine!

Fear dheth na filmichean as èibhinne a tha mi air faicinn ann am bliadhnaichean.

 

Tropic thunder

Tropic thunder

Tropic thunder