Ocean Colour Scene aig na h-Ironworks, Inbhir Nis
Bha mi gu math fortanach ticeadan fhaighinn airson a’ chuirm-chiùil aig Ocean Colour Scene fhaicinn anns na h-Ironworks oidhche Dhòmhnaich. Tha an cuairt seo ag àrdachadh a’ chlàr as ùra aca, Saturday, agus b’ e a’ chuirm-chiùil seo an deicheamh oidhche aca air a’ chuairt timcheall Breatainn. ’S e còmhlan rock a th’ annta a thoiseach ann an 1990. Tha còig clàraidhean ‘top ten’ agus sia òrain ‘top ten’ air a bhith aca.
Chaidh mi ann còmhla ri trì càirdean, Roya, Cliona agus Fiona agus ’s e oidhche fìor mhath a bh’ againn. Nam bheachd-sa, tha na h-Ironworks cho math airson ‘gigs’ fhaicinn air sgàth ’s nach eil e ro mhòr agus gu tric tha e làn dhaoine agus tha seo a’ cruthachadh faireachdainn math anns an àite.
Thàinig Ocean Colour Scene air an àrd ùrlar agus bha an t-àite làn de dhaoine ag èigheach a-mach dhaibh. Thòisich iad a’ cluich a’ chiad òran aca, agus ’s e ‘hit’ a bh’ ann air a bheil an t-ainm ‘The Circle’. Bha fuaim cho làidir agus soilleir a’ tighinn às a’ chòmhlan agus bha a h-uile duine a’ seinn còmhla. Tha e math nuair a tha còmhlan-ciùil comasach seo a dhèanamh! Bha iad cho beothail nuair a bha iad a’ cluich agus b’ e seo òran còrdadh ris an luchd-èisteachd gu mòr, bha iad a’ leumadh suas is sìos. An uairsin, chluich Ocean Colour Scene às a’ chlàr ùr aca, a thàinig a-mach air a’ chiad latha den mhìos seo. Bha seo math air sgàth ’s nach eil iad air na h-òrain seo a chluich aig cuirm-ciùil ron a’ chuairt seo. An uairsin, chluich a’ chòmhlan barrachd den ‘hits’ aca, ‘The Riverboat Song’ agus ‘Traveller’s Tune’. Bha iad a’ measgaich an set aca eadar na diofar òrain às a’ chlàradh as ùra aca agus na h-òrain nas sinne.
Bha sinn gu math fortanach na h-ainmean againn fhaighinn air an ‘Guest List’ agus bha seo a’ ciallachadh gum b’ urrainn dhuinn dol suas an staidhre dhan àite VIP. Bha sinn nar seasamh air a’ phrìomh làr a’ mhòr-chuid dhen ùine air sgàth ’s gur e seo an t-àite as fheàrr airson faireachdainnean a’ chuirm-chiùil fhaighinn. Bha e uabhasach lùthmhor!
Airson na h-òrain mu dheireadh a chluich iad, chaidh sinn suas an staidhre agus bha seo cho math air sgàth ’s gun robh sealladh fada nas fheàrr againn, gu h-àraidh dhomhsa air sgàth ’s gu bheil mi cho beag agus tha e doirbh rud sam bith fhaicinn aig cuirm-ciùil! Cha robh tòrr dhaoine anns an àite seo agus bha seo math beagan rùm fhaighinn dhuinn fhèin! Aig deireadh a’ chuirm-chiùil, bha mo chàraid Roya gu math fortanach am ‘plectrum’ òr aig a’ chluicheadair guitar fhaighinn.
Nam bheachdsa, ’s e seo aon de na cuirmean-ciùil as fheàrr a tha air a bhith agam leis an fhuaim agus faireachdainn math a bh’ ann. Chùm Ocean Colour Scene aire an luchd-èisteachd air feadh na h-oidhche agus chur iad air ‘performance’ gu math beothail nach bi mi a’ dìochuimhneachadh. Ma gheibh sibh cothrom an còmhlan-ciùil seo fhaicinn, mhodhlain gun tèid sibh ann!
Le Lìosa Moyes



