India Alba aig Fèis an Eilein
Tha rudeigin a’ faireachdainn math nuair a chì thu dà chultar gu math eadar-dhealaichte a’ tighinn còmhla agus a’ dèanamh rudeigin ùr. Chluich “India Alba” a-raoir anns an Talla Dhonaidh Chaimbeul aig Sabhal Mòr Ostaig air an Eilean Sgitheanach, agus an talla loma-làn. Bha an cuirm mar sèisiun, le pùirt fada. ’S e measgachadh de ionnstramaidean Albannach agus Innseanach a bhios iad a’ cluich, le Nigel Richard air cittern, Sharat Srivastava air fìdheall Innseanach, Gyan Singh air tabla, agus Ross Ainslie air cittern, pìob nan crìochan, agus fìdeag ìseal.
Airson a’ mhòr-chuid, chluich iad ceòl a’ sgrìobh iad fhèin. Chòrd “Himalayan Hideaway” rium gu sònraichte, pòrt a sgrìobh Ainslie mu na làithean a chosg iad a’ clàradh ann an stiùidio àrd anns na beanntan Himalaya. Fhuair sinn “Hang Tune,” air an Hang, ionnstramaid shònraichte is ainneamh, ri faighinn a-mhàin bhon innleachdair anns an Eilbhis. Bha am pìos a chluich iad anns an Raga Kafi, bho ceòl Innseanach clasaigeach, na dheagh eisimpleir de Srivastava air an fhìdheall a’ cluich ann an stoidhle clasaigeach, a’ sleamhnadh timcheall, agus Singh na sàr ceòladair air an tabla. Chluich e pàirt fada leis fhèin a bha craicte, mar stoirm, no ’s dòcha an stoirm agus a h-uile beòthach a’ ruith ron stoirm aig an aon àm. Cha chuala mi drumaichean cho ceòlmhor a-riamh.
A bharrachd air na tabhartasan fhèin, fhuair sinn deagh phùirt no dhà a sgrìobh cach. Chuala sinn Ross Ainslie agus Gyan Singh air “Thunderstruck,” pòrt ainmeal le ACDC ach air a chur air a’ phìob le Gordon Duncan, an tidsear, no “guru” nach maireann aig Ainslie, agus pòrt a sgrìobh iadsan còmhla. Tha iad a’ measgachadh a’ phìob a-steach gu math; gu tric, nuair a tha pìob sam bith a’ cluich, tha e doirbh na h-ionnstramaidean eile a chluinnteil, ach bha Ainslie ag obair gu math mar phàirt dhen fhuaim. Chluich iad cuideachd “Donald Willie and his Dog (no Elephant),” an dreuch le blas Innseanach acasan air pòrt le Domhnall Moireasdan, agus sheinn Richard “Over the Hill” le John Martin.
Bhruidhinn mi ri Srivastava aig a’ phleidhe mu dheidhinn mar a thàinig an còmhlan còmhla. Thachair Srivastava agus Singh ri Richard nuair a bha iad a’ cluich aig Fèis Dùn Èideann ann an 2002 leis a’ chòmhlan a th’ aca ann an Delhi, Mrigya, a bhios a’ cluich ceòl an t-saoghail. Thàinig e gu solas gun robh ùidh aig Richard ann an ceòl Innseanach, agus bha sèisiun aca còmhla – is bhon àm sin, tha iad air siubhal a-null is a-nall airson ceòl a dhèanamh còmhla. Bidh Srivastava a’ teagasg fìdheall Innseanach clasaigeach aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Ghlaschu, is thuirt e gu bheil Dùn Èideann a’ faireachdainn mar an darna dachaigh aige.
Chòrd a’ chuirm-chiùil rium, ged a bha na pùirt gu math fada uaireannan dhomhsa. Chuala mi ceòl a bha ùr dhomh, agus daingneachadh gu bheil ùidh agam ann an Ragas. Mholainn an oidhche do dhuine a tha measail air pùirt is ris am biodh “jam session” Innseanach agus Albannach a’ còrdadh.
Le Beth Frieden


