Aonghas MacNeacail air an Àrd-ùrlar aig SMO
Oidhche Mhàirt aig Sabhal Mòr Ostaig agus cuirm-ciùil san Talla Mhòr. Cò bh’ ann ach an còmhlan-ciùil aig Aonghas MacNeacail às a’ Chill Mhòr. Chòmhla ris bha Anndra Mac a’ Phearsain air bodhran, druma tailm agus an fhìdeag ìosal agus Murchadh Camshron air giotar. Le Rick Taylor air trombone agus Graeme Stafford air a’ phiana a’ toirt taic dhaibh.
Tha an còmhlan-ciùil aig Aonghas trang a deasachadh airson a’ chiad CD aca a chlàradh an-dràsta agus chuir iad an cuirm-ciùil seo air dòigh airson cothrom a thoirt dhuinn am faicinn beò ro duine sam bith eile. Abair oidhche mhath a bh’ againn. Ma tha thu idir eòlach air Aongas bidh fhios agad gur e sàr phìobaire a th’ ann le deagh phuirt agus sgeulachd de gach seòrsa.
Thòisich an oidhche le Aonghas, Anndra agus Murchadh a’ cluich Srath Spèidhean agus Ruidhlean doigheal agus lean iad orra le seata puirt-dhùbailte. Thàinig Catriona Watt dhan àrd-ùrlar an uairsin agus sheinn i Domhnall nan Domhnall agus A’ Chailinn Àilinn le Murchadh a’ toirt compàirteach dhì air a’ ghiotar. Guth àilinn aice a chum a h-uile duine san luchd-èisteachd air bhidhioran.
Lean Aonghas, Anndra agus Murchadh orra le puirt air an dà chuid na pìoba `s na fìdeige agus `s ann aig an àm seo a thàinig Rick agus Graeme dhan àrd-ùrlar air trombone agus piana a’ togail a’ cheòl gu ìre eile, a toirt fuaim mhòr don chòmhlan, ach aig an aon àm ga dhèanamh soilleir gur ann mu dheidhinn an cluich aig Aonghas a bha a’ cheòl. `S ann gu seòltachd a bha iad a’ cluich, a’ toirt taic do Aonghas agus dh’ obraich e fìor mhath.
Thòisich Crìsdean Domhnallach an dàrna leth le dà seata beothail ghlan air a’ phìob mhòir `s e ach 15 bliadhna a dh’aois. `S math a rinn e. Chum an còmhlan air le seata chaismeachdan 2/4 `s Anndra a-nis air an druma tailm. Ruitheam is astar mhath, puirt glan agus cluich a bha dìreach sònraichte `s iad mar aonan.
Tàinig Catriona air ais dhan ùrlar agus seinn i òran Ghallda, “Jock O’ Hazeldean”, agus Òran Challuim Sgaire. Chum an còmhlan orra le seata a thòisich le Anndra agus Murchadh a cleasachd le ruitheam air bodhran agus giotar fad mionaid no dhà, Aonghas a’ tighinn a-steach le port air an fhìdeig. `S ann mu dheidhinn ruitheam a bha an seata seo, a ‘toirt cothrom do Anndra agus Murchadh na sgilean aca a thaisbeanadh. Feumaidh mi ràdh gun do chord e rium gu mòr `s iad ag obair mar aonan.
Deagh oidhche a bh’ ann le ceòl fìor mhath agus tha mi coimhead air adhart ris a’ chlàr aca nuair a thig e a-mach. Prèasant Nollaig mhath airson an ath bhliadhn’?




