
Paranormal Activity
Ann an 1963 chosg Cleopatra an samhail ri $314,600,000 san latha an-diugh a dhèanamh agus ann an 2007 chosg Pirates of the Caribbean $316,600,000 a chur ri chèile. Anns na làithean seo chan eil e a’ cur iongnadh air duine sam bith gu bheil an uibhir sin do dh’airgead a chur a-steach do filmichean. Carson a-nist nach do chosg e ach $15,000 airson Paranormal Activity agus carson a tha e nas fheàrr na Pirates of the Caribbean?!!!
Tha eagal mòr air a bhith air Oren Peli bho taibhsean bhon a bha e òg agus chuir e an tuigse a th’ aige air dè tha cur an eagal aireasan a-steach dhan fhilm. Far a bheil na companaidhean mòr ann an Hollywood a cur airgead, chuir Peli an tuigse aige fhèin air mar a bhitheas eagal a’ fàs agus a ruith.
Air a’ filmeadh gu sìmplidh air Sony Z1 le fear dhe na prìomh chleasaichean, chan eil am film stèidhichte timcheall air obair camara sònraichte neo effects spaideil idir. Tha an luchd amharc a’ faireachdainn barrachd airson na caractaran agus an suidheachadh a tha nar coinneamh.
Tha am film a tòiseachadh le Micah a’ sealltainn an camara ùr a cheannaich e dhan bhràmar aige, Katie, is e airson filmeadh an taigh leis an dòchas gum faic an camara taibhse air choireigin nach fhaic iad fhèin. Tha an dithis tha seo gu math sona le chèile aig an toiseach ach leis a h-uile latha neo oidhche a tha iad a filmeadh tha rudeigin eile ann ri fhaicinn neo ri chluinntinn anns na bhideothan aca...
Cha bu choir dhomh an còrr a ràdh mu dheidhinn an sgeul neo millidh mi dhuibh e!
Chan eil ceist sam bith ann gu bheil am film seo còmhla ris na filmichean as eagalaiche a chunnaic mi riamh. The Descent, Devils Advocate, Psycho, The Shining... bha iad uile eagallach ach tha Paranormal Actovity nas fhaisge air an saoghal fìor na gin dhiubh agus mar sin tha e fada nas eagalaiche!
Bhiodh e nas eagalaiche ma nach fhaca mi an traillear ro làimh ach ged a bha cuimhn agam air tachartasan agus bha faireachdainn agam air de bha dol a thachairt, bha “goosepimples” a’ tighinn orm cò dhiù!
Timcheall orm anns an taigh-dheilbh bha an luchd-amharc a’ leum agus a sgreuchail leis an eagal agus bha ìnean Fran a gearradh a-steach dhan uilinn agam. Thàinig piuthar Fran còmhla rinn agus bha an eagal oirre cho mòr nach fhaca i deireadh am film! Bha i air falach fon t-seacaid aice!
Nuair a bha screening aig na Riochdairean aig Miramax, bha an dragh a chuir orra a chionn ’s gu robh daoine a fàgail an taigh-dheilbh ach as dèidh làimh fhuair iad a-mach gun do dh’fhàg iad leis an eagal!
Bhon a thàinig e a-mach tha am film air còrr is $107,500,000 a dhèanamh agus chan eil sin dona airson an $15,000!
Le Cailean Collier



