Afro


Valentine’s Day (2010)

Stiùiriche Garry Marshall

Feumaidh mi ràdh gun robh mi toilichte leisgeul a bhith agam am film a thaghadh an turas sa. As dèidh dhomh fulaing tro Wolverine agus Transformers (an dà chuid dhiubh), bha cothrom agam mo bhràmair a thoirt dhan taigh dhealbh son rudeigin a bha mi cinnteach a bhiodh a’ còrdadh rium fhèin, ged nach robh mi cinnteach an e seo an dòigh anns robh esan airson na h-oidhche Shathairne aigesan a chur seachad.

Ann am beagan faclan, ma tha là dhoirbh air a bhith agad san oifis no aig an sgoil, is tu a’ sireadh film a tha aotrom, simplidh agus spòrsail; is e Valentine’s Day a bhithinn a’ moladh dhut.

Bidh daoine a th’ air am film Breatannach Love Actually fhaicinn eòlach air cruth an fhilm seo. Tha sinn a’ leantainn buidheann de dhaoine, is iad uile ceangailte ann an dòigh air choireigin tro na daoine air a bheil iad eòlach, an là shònraichte (latha Naoimh Bhalantain an turas sa, seach àm na Nollaige) agus gaol fhèin. Tha na blais eadar-dhealaichte agus, gu dearbh, tha an aimsir, ach tha a’ mhòr-chuid eile gu math coltach ris. Nisd, chan eil mi airson cur sìos air Valentine’s Day. Chòrd am film aig Richard Curtis leam, agus chòrd seo rium cuideachd.

Tha liosta fhada dè dhaoine ainmeil a’ nochdadh san fhilm seo, Jessica Alba, Julia Roberts, Jennifer Garner agus Ashton Kutcher nam measg, ach tha e coltach gu bheil na pàirtean as lugha aig na rionnagan as motha. Is e an sgeulachd aig Kutcher, a’ cluich ceannaiche-fhlùran Reed Bennet, a tha a’ ceangail an fhilm ri chèile, agus, aig an deireadh, ’s e na thachras ris an sgeulachd as cudromaiche.

’S e film gu math èibhinn a th’ ann, le rudan beaga èibhinn a’ nochdadh ann an cha mhòr gach sreath den sgeulachd. ’S iad na caractaran aig seinneadair Taylor Swift, a’ cluich nighean sgoile, agus aig Anna Hathaway (dithis rionnag mhòr eile), a chòrd rium as motha. Tha dha-rìribh rudeigin ann airson a h-uile duine, agus tha mi a’ creidsinn gur e an comadaidh a tha a’ cumail an fhilm bho a bhith ro mhilis!

A bharrachd air comadaidh, gun a bhith ag ràdh cus, tha pìosan ann a tha cuideachd a’ toirt ort smaoineachadh, mar an sgeulachd aig Julia Roberts, a tha na shaighdear a’ tilleadh dhachaidh fad là a-mhàin, agus an duine a tha còmhla rithe air a’ phlèana.

Tha aon gearran agam, agus ’s e sin nach eil mi den bheachd gum biodh e a’ dèanamh mòran cron ma bha aon no dhà dhe na sgeulachdan air fhàgail a-mach, leis a h-uile rud eile a tha a’ dol, gu sònraichte an fheadhainn leis a’ bhalach bheag agus na deugairean.

Agus am bràmair? Chòrd e ris-san cuideachd. Tha SATC 2 a-mach a dh’aithghearr, saoil am bi e airson sin fhaicinn còmhla rium..?

4/5

Le Joanne Stephen

Dèan deasbaid air:
Abar Thusa Facebook

 

val1

val2

val3

val4