Afro


NEACH SPÒRS DON BHLIADHNA 2008

Abair bliadhna airson spòrs! Bha an t-uabhas do luchd spòrs Breatannach a dèanamh obair sònraichte math anns na spòrs aca fhèin.

Tha Andy Murray air fàs nas fheàrr leis a h-uile geama a tha e a cluich agus ghlèidh e dà Masters agus fhuair e dhan cuairt dheireannach don Ghrand Slam aig Flushing Meadows ann an Ameireaga a call a-mach air an tiotal gu Federer ann an gheam làn droch fhortan.

Bhuannaich Lewis Hamilton an tiotal don dràibhear F1 as fheàrr san t-saoghal as dèidh an rèis dheireannach don t-sèasan ann am Brasil a dh’fhàg t’anail nad uchd. Ach ged nach do bhuannaich duine cho òg ri Hamilton an tiotal a bha sin riamh cha d’fhuair e ach an dara àite anns am farpais sònraichte seo.

Bha bliadhna math aig Breatainn aig na h-Olympics agus bho sin thàinig dà ainm ùr a steach do sealladh an t-sluaigh leis an dithis aca a lìonadh na duilleagan spòrs agus na duilleagan aghaidh don h-uile pàipear anns an dùthaich.

Cha chuala duine air Rebecca Adlington ro na h-Olympics agus bha am boireannach… gabh mo leisgeil… nighean do 19 bliadhn’ a dh’aois fo iongnadh mar a bha an còrr dhen dùthaich nuair a ghlèidh i da bhonn oir anns an 400m agus 800m Shaor-stoighle! Cha do bhuannaich Breatannach dà bhonn oir san amar snàmh bho 1908 agus air an t-slighe bris i reacòrdan airson Breatainn, a cho-laitheis, Olympic agus an uairsin reacòrd an t-saoghal ach cha robh sin ach gu leòr airson an treas àite a ghleidheadh anns an co-fharpais seo!!!

Chaidh am prìomh àite do Chris Hoy as dèidh dha bhith glèidheadh 3 bhonn oir air an baidhsagal aige anns an Keirin, Sprint agus Sprint-Sgioba agus ma chunnaic thu e aig na h-Olympics bha e soilleir gu leòr carson a ghlèidh e am prìomh àite san fharpais seo! Se Chris an neach as soirbheachail a tha air a bhith aig Breatainn aig na geamannan Olympic bho chionn ceud bliadhna. Se Ben Johnson a chaidh nam chuimhne nuair a chunnaic mi Chris Hoy air baidhsagal ach cha robh Chris againne air droigichean!

Bhuannaich Usain Bolt an duais airson neach spòrs bho dùthaich thall thairis, thog sgioba nan rothairean Bhreatannaich an duais airson an sgioba as fheàrr sa bhliadhna agus fhuair Sir Bobby Charlton an duais airson seirbheisean do spòrs fad bheatha.

 

Chris hoy  at Olympics

Chris hoy