Tha torr rudan ùr a-mach aig am na Nollaig seo, ach tha mise a' smaointinn gur e na h-ochd rudan seo na rudan as fheàrr airson prèasantan an Nollaig seo.
1. Tha an ipod nano ur miorbhaillach. Tha fear agam fhèin agus chan eil mi a’ fàgail an taigh as aonais. Tha iomadh dath ann mar purpaidh, uaine, buidhe, orainds agus iomadh dath eile. Se rud eile math gun ‘s urrainn dhut faighinn sgrìobhadh a chuir air a' chùlaibh ma tha thu ag' iarraidh a thoirt gu cuideigin sònraichte. 'S urrain dhut an nano ur a cheannach airson ₤78. Ma tha thu ag' iarraidh ipod le tuilleadh rum airson òran tha e nas fheàrr faighinn ipod touch a tha ceart cho math. Tha seo a cosg ₤165 agus is urrainn dhut na da a cheannach ann an HMV, argos neo air an eadar lion.
2. Ma tha ipod agad ‘s urrain dhut cluasag fhaighinn airson d’ipod a chumail sàbhailte fhads a tha th ga chleachdadh. Se an rud as fheàrr leam mu dheidhinn seo, ged a tha thu a cluinntinn a' chiùil chan eil thu a cuir dragh air daoine timcheall ort. Gheibh thu cluasag ipod air amazon airson ₤9.
3. 'S e rud furasta a cheannach airson duine sam bith perfume neo aftershave. Airson nighean tha am perfume ur "escada" a-mach agus tha sin uabhasach brèagha. Tha seo a cosg ₤30 agus tha thu ga cheannach ann am boots neo superdrug. Ma tha thu ag' iarraidh tuilleadh airgead a chosg tha "Armani code" miorbhailleach math. Tha seo a cosg ₤50 cuideachd bho boots neo superdrug agus tha e ann airson balach neo nighean. Se an aftershave as fheàrr airson balach aig am na Nollaig seo Jean Paul Gaultier airson ₤40.
4. Tha a h-uile inbheach agus clann ag' iarraidh wii. Tha iad sgoineil airson an teaghlach, a' cluich leat fhein neo comhla ri do chairdean. Se an rud math mu dheidhinn wii gun urra dhut eacarsaich a' deanamh nuair a tha thu ga chleachdadh. Se seo am freagairt airson triolaidean creis ann an Alba. Tha e air an reic airson ₤177 ann an argos.
5. A bheil thu a coimhead airson aite far an cum thu na dealbhan agad. Tha urban outfitters a' deanamh "mobile" airson dealbhan a tha a tighinn sios bho mullach an seomar agus tha na dealbhan agad uile an sin. Se seo rud miorbhailach airson cur ann an pòca santa airson direach ₤10.
6. De an rud a b'fhearr faighinn aison do bheann? Se seo bann-làimhe aig links of London timcheall air cud not. Tha na bann-làimhe aca sgoinneil agus se rud a th'ann a bhitheas agad fad do bheatha. Cuideachd tha rosachdan aca airson am bann-làimhe a tha math airson prèasant beag aig ùine sam bith.
7. Chan urrainn gu leòr bagaichean a bhith aig nighean. Tha bagaichean sgoineil ann an Accessorize an Nollaig seo eadar ₤10-₤50. Bidh am baga agad airson ùine mhòr oir tha iad cho math agus cha bhith iad a' dol a-mach a dòigh.
8. Se ceòl rudeigin sàbhailte fhaighinn airson duine sam bith aig am na Nollaig. Tha tòrr CDs ur a-mach aig am na Nollaig so mar take that, killers agus Britney Spears. Tha iad uile ann an HMV timcheall air ₤10.


