Afro


KINGS OF LEON – ONLY BY THE NIGHT

Tha na balaich Followill air an 3mh clàr aig Kings of Leon a chrìochnachadh agus a rèir choltas tha e gu bhith ann an stocainn na Nollaige aig daoine thairis air an dùthaich!

Tha Kings of Leon air a bhith dol airson faisg air 7 bliadhnaichean ach ’se bhon a chlàr seo a fhuair iad gu àireamh a h-aon anns na Charts!

Ron an sin cha d’fhuair iad fiùs dhan prìomh deich! Chaidh Sex on Fire gu àireamh a h-aon san Lùnasdal agus tha an òran sin na dheagh eisimpleir air na tha an còrr dhan chlàr a dol.

Tha a chiad dà chlàr agam mar tha agus chòrd iad sin rium glan fhèin! Bha iad nas luaithe na tha ONLY BY THE NIGHT agus an uair sin bhuail a ghuth sònraichte aig Nathan Followill orm mar guth ùr tarraingeach eu-choltach ri duine sam bith eile a tha mi air chluinntinn ron an seo!

Ged cho math sa chòrd Youth and Young manhood agus AKA Shake Heartbeat rium, chan eil mi a creidsinn gu bheil an clàr ùr aca nas fheàrr na sin fiùs! Tha e air a chluich aig astar nas socraiche agus tha iad air blas laoigh a chuir air an ceòl aca! Tha an còmhlan air fàs bho buidheann do ghillean a cluich ann an garaids gu còmhlan do dhaoine mòr tapaidh a lìonadh Hampden neo lann-chluiche sam bith thairis air an t-saoghal.

Sibht a null Coldplay! Tha Kings of Leon air ais agus tha iad nas fheàrr na bha iad riamh!!

Cailean Collier

  

Belladrum

Belladrum