Geallaidhean a’ Bhliadhn’ Ùr
Ceart ma-thà, tha am Bliadhn’ Ùr seachad, tha thu air ais san routine agad agus tha deagh sheans ann nach eil na geallaidhean a rinn thu airson a’ bhliadhna 2009 fhathast beò (‘s dòchas nach eil cuimhne agad orra a-nis fiù ‘s!)
Tha eachdraidh fada is farsainn aig geallaidhean a’ bhliadhn’ ùr a’ dol cho fada air ais ri seann Babylon, o chionn 4000 bhliadhna. `S na seann làithean, bhiodh daoine a’ tilleadh innealan tuathanachais a bha iad air fhaighinn air iasad tron bhliadhna bho na nabaidhean aca. `S a latha an-diugh ged-tà, tha sinn a’ cur romhainn geallaidhean a thaobh slàinte, cùisean uaine no airgid `s mar sin air adhart.
‘S e àm gu math freagarrach a th’ ann airson geallaidhean a dhèanamh: toisich-tòiseachaidh, nuair a tha sinn far ar obair le beagan ùine airson smaoineachadh air ar beathannan. Ach, rud a th’ ann, nuair a thilleas sinn dhan routine àbhaisteach againn às dèidh na saor-làithean, tha sinn cho trang gu bheil sinn a’ diochuimhneachadh mun dèidhinn gu math luath…gus an tig an ath bhliadhn’ ùr timcheall!
Dà bhliadhna air ais, leugh mi aithisg gu math inntinneach a thuirt nach robh sinn a’ cumail ris na geallaidhean againn air sgàth ‘s nach robh iad realistic gu leòr is ro chruaidh is dhoirbh a chumail. Tha mise a’ dol le sin! Mar sin, seo geallaidhean no dhà a tha nas lugha agus, nam bheachdsa, nas fhasa….
Ma tha thu ga fhosgladh, dùin e.
Ma tha thu ga chur air, cuir dheth e.
Ma tha thu ga ghluasad, cuir air ais e.
Ma tha thu ga bhriseadh, caraich e.
Mur nach urrainn dhut ga charadh, cuir fòn do chuideigin a `s urrainn.
Ma tha thu a’ faighinn iasad de rudeigin, thoir air ais e nuair a tha thu deiseil leis.
Ma tha thu a’ cur luach air, bi faiceallach leis.
Ma tha thu a’ dèanamh bùrach, sgioblaich e.
Mur nach eil fhios agad ciamar a dh’ obraicheas e, fàg e.
Mur nach eil e briste, na caraich e.
Ma bhios e a’ cur gaire air aodann, can e.
Ma bhios e a’ milleadh chliù chuideigin, na can e.
Siuthad! Feuch iad! Gu math a thèid leat!!
Le Bean a' Chroiteir


