Afro


Sherlock Holmes 2009

Stiùiriche: Guy Ritchie

h2Uill nuair a chunnaic mise sanas air an tele airson film ùr Sherlock Holmes nach mi a bha air mo dhòigh. `S ann a chaidh mo thugadh le Sherlock Holmes, ‘Hound of the Baskerville’, is eile. So air an 27mh dhen Dùbhlachd chaidh mi fhèin `s mo charaid dhan taigh-dheilbh ann an Inbhir Nis, agus abair spòrs a bh’ againn.

Mar `s àbhaist chaidh mi dhan taigh-dheilbh le mo shùilean fosgailte gun fhios dè bha dol a thachairt. Cha bhi mi riamh a leughadh reviews no fios mu film gus as dèidh dhomh an film fhaighinn, bidh mi leigeil leis na trailers an film a reic dhomh agus cuideachd chan eil mi airson `s gum bi beachd agam air mus faic mi e airson an tomhas agam fhèin a chur air agus nach mi a bha toilichte nuair a thàinig mi a-mach.

h7Robert Downey Jnr. a’ cluich Sherlock Holmes, Jude Law a’ cluich Dr John Watson, Rachel McAdams a’ cluich Irene Adler agus Mark Strong a’ cluich Lord Blackwell.

Bha a h-uile rud ann, na bìdeagan beaga gòrach mun eanchainn aig Holmes ann agus rud nach fhaigh thu idir anns na filmichean eile. Mur a h-eil thu air na leabhraichean a leughadh cha bhith fhios agad gur e boscair a th’ ann an Holmes, `s e cuideachd na fear-chlaidheamh agus gu math ealanta sna h-ealainean còmhraige, chleachd e jujitsu air Moriarty ann an aon de na leabhraichean, cha chan fhaic thu sin ann an gin de na seann filmichean. `S ann gun do chuir iad colas àrd air Holmes gu ruige seo `s e daonnan le aodach spaideil agus guth làidir sgiobalta. Ach chan ann mar sin a tha e sna leabhraichean agus seo agad a’ chiad sealladh den an Holmes air an do sgrìobh an Ridire Arthur Conan Doyle.

h5Chan eil mi airson mòran a ràdh mun sgeulachd ach ma tha sibh airson sealladh ùr de Sherlock Holmes fhaicinn, sealladh nas coltaiche ris na tha sna leabhraichean, chanainn gun còrd seo ruibh gu mòr.

5/5

 

 

h1

h2

h3

h4