Afro


Deoch ‘n’ Dorus
aig Fèis an Eilein

A-raoir anns an Talla Mhòr aig Sabhal Mòr Ostaig, bha Slèite a-rithist a’ rockadh a-mach na dorsan, an seòmar cho làn ri ugh airson na cuirm-chiùil is cèilidh le Deoch ‘n’ Dorus. Bha an còmhlan air a bhith gu math trang air cuairt timcheall Alba an Iar. Bha iad ann an Beàrnaraigh a bhòn-dè agus dh’fhalbh iad an-diugh airson Steòrnabhagh – mar sin, bha iad a’ cluich air beagan cadal agus cofaidh gu leòr, ach ’s e an uiread de spòrs a tha annta as adhbhar gun robh a’ cuirm fhathast math.

deoch5Chaidh an oidhche fhosgladh le còmhlan òg is ionadal, ‘Na Gillean Saor’, a’ bruidhinn Gàidhlig tron cairteal na h-uarach aca agus a’ druidheadh gu mòr air an luchd-èisteachd leis an tàlant aca. Bha Seamus O’ Baoighill air an fhìdheall agus am banjo, Crisdean MacDhòmhnall air a’ phìob bheag agus a’ bhocsa, agus Fiann MacLeòid air giotar. Bha e caran doirbh am fìdheall a chluinnteil nuair a bha a’ phìobh a’ cluich cuideachd ach a bharrachd air sin cha robh gearan agam idir. ’S e fìor dheagh thoiseach a th’ aca is tha mi an dòchas gum bi iadsan a’ cluich cèilidhean ann am bliadhna no dhà.

An uair sin, thug Deoch ‘n’ Dorus an àrd-ùrlair airson cuirm ghoirid a dhèanamh ro bhriseadh airson dannsaidh. Chòrd an sreath de phùirt le Gordon Duncan rium, agus am pòrt a chluich Anndra MacPherson air a’ phìob. Mar as trice, cha bhi an còmhlan a’ cluich cuirmean – ’s e còmhlan-cèilidh a th’ annta, agus ’s e sin an rud a nì iad gu math. Tha iad a’ cluich dannsaichean còmhla gu teann an còmhnaidh is cunbhalach, nan ionnstramaidean a’ measgachadh ri chèile ann an dòigh nàdarra. Tha Anndra MacPherson air seata-drumaichean agus pìob mhòr, Stuart Cameron air a’ bhocsa, agus Simon Moran air an fìdheall. Bha Donald Livingston à Breacais còmhla riutha a-raoir air a’ ghiotar agus a’ seinn. Rinn esan dreach de “Galway Shawl” a bha rud beag ro èibhinn dhomh – ’s e guth car “emo” a th’ aige, guth snog gu leòr, ach cha do dh’obraich e dhomh air òran socair bòidheach mar sin. An aon rud eile a bha na briseadh dùil dhomh, `s ann gun do thòisich Anndra a’ chuirm sa Ghàidhlig agus an uair sin threig e i uile gu lèir, ach airson “deiseil?” bho àm gu àm – ged a bha e sgoinneil Gàidhlig a chluinnteil aig an toiseach.

Bha briseadh fada ro fhada againn às dèidh sin –cha do thòisich an dannsa gu nas anmoiche na deich uairean. Ach bha fhathast an t-uabhas ann, fiù ’s air oidhche Mhàirt, a bha deiseil is deònach an oidhche a chuir air falbh a’ dannsa. Uill, a’ feuchainn a bhith a’ dannsa leis a h-uile duine air am bruthadh a-steach dhan làr-dannsaidh beag san Talla. Dhanns mi a’ chiad “Gay Gordons,” ach cha mhòr nach b’ urrainn dhomh gluasad, is bha mise deiseil an uair sin. Ach bha am pàrtaidh dìreach a’ tòiseachadh, agus dh’fhàs an còmhlan nas beòthaile mar a chaidh e air adhart. Ghluais pairt dhen dannsadh taobh a-muigh leis an urrad de dhaoine a bh’ ann. Feuch gun glac thu iad air an cuairt aca no bidh thu a’ call deagh chèilidh.

Le Beth Frieden

 

deoch1

deoch2

deoch3

deoch4