Afro


Na Shady Talez aig Slim Shady

shady4Ann an 2002 nochd Eminem airson a’ chiad mar cleasaiche san fhilm ‘8 Mile’. Ged a’ chòrd no nach do chòrd am film riut feumar a ràdh gun robh Eminem fìor mhath mar chleasaiche agus tha sinn air a bhith feitheamh fad greis a-nis airson cothrom fhaicinn ann am film eile. Ach `s ann ann an cruth gu math eadar-dhealaichte a tha sinn gus a bhith ga fhaicinn an turas seo.

Tha Eminem uabhasach measal air filmichean eagalach agus tha e an dùil gach seòrsa de stuthan eagalach a tha a’ còrdadh ris a thoirt don sgàilean mòr san Cinema agus ann an 3D. So thoir an aire agus na tèid ga fhaicinn leat fhèin chanainn...

`S e ‘Shady Talez’ ainm an fhilm agus tha e coltach gum bi nas motha na aon caractar aig Slim Shady ri chluich is e an dùil cruth mar a bh’ air Creepshow a bhith air an fhilm le ceithir sgeulachd san aon fhilm. Tha Marvel

shady2Ach saoil an obraich e agus am bi comas aig Eminem na caractaran air fad seo a chluich. Tha diofar bheachdan air nochdadh sna meadhanan, fheadhainn a tarraing às ag ràdh nach bi ann ach ùpraid mar gach film eagalach gòrach eile air a tha air nochdadh à saoghal ciùil rap. Ach tha cuid eile a creidsinn, leis na comasan cleasachaidh a th’ aig Eminem, gum bi e glè mhath agus gu math soirbheachail.

Dè do bheachd, an è film mìorbhalach a bhios ann no an tèid e dhan sgudal a spot?...

 

shady1

shady3